Odusseia
Coltas
ʼS e laoidh a sgrìobh am bàrd Greugach Hòmair anns an t-seann Ghreugais a thʼ anns an Odusseia (Ὀδύσσεια). Tha an dàn stèidhichte air aʼ chogadh a rinn na Greugaich ri baile Tròidh. Tha an sgeul aʼ leantainn rìgh Odusseus is e aʼ tighinn dhachaigh on chogadh a dhʼionnsaigh eilean Ithaca, an oighreachd aige, turas a thug 10 bliadhna agus iomadach cunnart agus cruaidh chàs.
Fhad ʼs fhios, ʼs e Hòmair a sgrìobh e, ach canar le cuid nach deach a chruthachadh le duine a-mhàin ach le beul-aithris na Grèige.
Chaidh eadar-theangachadh chun na Gàidhlig a rinn Iain MacIllEathain fhoillseachadh ann an 1976 leis an iris Gairm agus an tiotal Odusseia Hòmair air.