Mullach an Deargain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Mullach na Deiragain)
Mullach an Deargain

Druim Mullach an Deargain
Àirde (m) 982
Àirde (tr) 3,222
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Mullach an Deargain is located in Alba
Mullach an Deargain
Mullach an Deargain (Alba)
Suidheachadh Gleann Afraig
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NH080259

'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Mullach an Deargain (chithear Mullach nan Dheiragain[1] no Mullach na Dheiragain air mapaichean Beurla cuideachd). Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha e a’ nochdadh air mapaichean Ordnance Survey mar Mhullach na Dheiragain ach tha ciall agus litreachadh an ainm mar seo mì-shoilleir, agus chan eil gin de na dòighean-sgrìobhaidh a chaidh ainmeachadh a’ leantainn riaghailtean gràmar no litreachadh na Gàidhlig. Dh’fhaodadh gu bheil e a’ ciallachadh deargan no deargan-allt[2]. Tha a' bheinn 921 m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon tuath dhan deas agus tha dà mhullach eile air: Càrn an Con Dubh (967m) san àird a deas den mhullach agus Mullach Sithidh san àird a tuath.

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Bithear uaireannan ga ceangal le Sgùrr nan Ceathramhnan agus An Socach, bho Ghleann Afraig air neo a’ tòiseachadh bho thaobh Loch Mullardoch[3].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Oighreachd Mhonar, Cill Fhaolain, agus Loch Mullardoch.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mullach nan Dheireagain air Walkhighlands
  2. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 74
  3. An Socach, Sgùrr nan Ceathramhnan agus Mullach na Dheiragain air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]