Jump to content

Mofad

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Moffat)
Am Magh Fada

Map
55°19′55″N 3°26′31″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NT 094 052
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,135 (2011)
Àireamh fòn 01683
Còd-puist DG10
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Beattock,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a tha anns a' Mhagh Fada[2] neo Mofad (Beurla: Moffat).[3] Tha e suidhichte aig 121m os cionn ìre na mara,[4] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Cuingealach agus Hamhaig, ri taobh na h-Aibhne Anainn.[5] Tha e 218km air falbh bho Obar Dheathain, 78km bho Ghlaschu, 31km bho Dhùn Phrìs agus 71km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthchas. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh anns a' Mhagh Fada. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil[6] ann. Ann an 2011 bha 2,135 duine a' fuireach an seo.[7] Tha an t-Slighe Dhail Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009[8]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile na "Am Magh Fada".[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[10] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1296 mar Moffete.[11] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 80 duine à Mofad bàs sa Chogadh Mòr[12] agus ceithrear duine eile san Dàrna Cogadh.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Scottish Places
  2. ↑ “Am Magh Fada”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2019.
  3. ↑ “Moffat/Mofad”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. ↑ Falling Rain
  5. ↑ River Annan
  6. ↑ Foghlam Alba
  7. ↑ Scotland's Census Result OnLine
  8. ↑ Annandale Way
  9. ↑ Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  10. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  12. ↑ Scottish War Memorials Project
  13. ↑ Montreuil-sur-Ille

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]