Jump to content

Màiri Mhòr nan Òran

O Uicipeid
Màiri Mhòr nan Òran
Beatha
Breith Sgeitheabost, 1821
Dùthaich  Alba
Bàs Port Rìgh, 1898
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Neach-fànais

Rugadh Màiri Mhòr nan Òran (1821–1898), no Màiri Nic a' Phearsain, no Màiri Nighean Iain Bhàin, ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach. Chuir i seachad a h-òige anns an Eilean Sgitheanach agus ann an 1848 phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus chaidh i a dh'fhuireach còmhla ris dhan bhaile sin. Bha sianar chloinne aca. Ann an 1871 chaochail Isaac agus chaidh Màiri a dh'obair na banaltraim.

'S ann ri linn na h-obrach seo, a-rèir na bàrdachd aice, a chaidh a chur às leth Màiri gun do ghoid i aodach boireannaich a bh' air ùr-bhàsachadh agus a chaidh a cur don phrìosan airson còrr is mìos. Chaidh dearbhadh as dèidh làimh gun robh Màiri neo-chiontach ach cha d' fhuair i seachad air an tàmailt airson ùine mòir agus bha i air a gluasad gu bàrdachd a dhèanamh mun eucoir a rinneadh oirre agus air iomadach cuspair eile.

Dh'fhàg Màiri Inbhir Nis goirid às dèidh seo agus chaidh i a dh'fhuireach a Ghlaschu. Rinn i trèanadh foirmeil an-sin mar bhanaltram agus mar mhnaoi-ghlùine. Dh'fhàs i ainmeil am measg Gàidheil Ghlaschu leis mar a bhiodh i a' frithealadh chèilidhean agus thachartasan mòra Gàidhealach eile anns a' bhaile. Rinn i grunn òran ainmeil mu na cruinneachaidhean seo, nam measg 'Camanachd Ghlaschu' agus 'Deoch-slàinte Gàidheil Ghrianaig'.

Tha an t-uamhas de dh'òrain Màiri a-mach air bòidhchead an Eilein Sgitheanaich agus air na h-atharrachaidhean a bha air tighinn air an àite. Tha tòrr aca seo gan seinn fhathast, a leithid 'Nuair a bha mi òg', 'Eilean a' Cheò' agus 'Soraidh le Eilean a' Cheò'. Bhiodh i a' tilleadh dhachaigh gu tric fhad 's a bha i a' fuireach sa cheann a deas agus mu dheireadh chaidh i air ais a dh'fhuireach, an-toiseach ann an Òs agus an uair sin a Sgèabost. Bha i gu mòr an sàs ann an Strì an Fhearainn agus bhiodh i a' frithealadh coinneamhan chroitearan agus a' dèanamh agus a' gabhail òran-brosnachaidh dhaibh. Nam measg seo tha 'Coinneamh nan Croitearan', 'Brosnachadh nan Gàidheal' agus 'Òran Beinn Lì'.

Chaochail Màiri ann am Port Rìgh ach tha i air a h-adhlacadh ri taobh a cèile ann an Inbhir Nis.

Tha leac a' cuimhneachadh Màiri ann am Makars' Court, Dùn Èideann.[1]

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
A' chlach-chinn a chuireadh air uaigh Màiri le Teàrlach Friseal Mac-an-Tòisich.
  • 'Màiri Mhòr nan Òran', deasaichte le Dòmhnall E Meek (Gairm, 1977)
  • 'An Introduction to Gaelic Poetry', le Ruaraidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990)
  • 'The Companion to Gaelic Scotland', deasaichte le Ruaraidh MacThòmais (Glaschu, 1994)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Aithne shònraichte dha Màiri Mhòr nan Òran”, Naidheachdan a' BhBC. 11mh dhen Dàmhair 2022. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2024. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]