Jump to content

Luath (cù)

O Uicipeid

Tha Luath na ainm coin a tha a' nochdadh gu tric ann am beul-aithris Gàidhlig.

Sgeulachdan na Fèinn

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha cù aig Cù-Chulainn air an robh Luath mar ainm. 'S e an cù slànachaidh a chanadh daoine ris cuideachd oir leighis e lotan Chù-Chulainn aon turas an dèidh sabaidh an aghaidh uilebheist.[1]

Tha Luath a' nochdadh sna dàin aig Seumas Mac a' Phearsain a sgrìobh laoidhean Oisein cuideachd ann an trì rannan:

Fàg Èirinn nan sruth ’s nan raon:
Do bhean, is cù caol an fhèidh,
Brài'gheal uchd-àlainn is caoin,
Luath, a dh’fhàgas a’ ghaoth na dhèidh,
Tairg sin; oir is lag do làmh.
“Gairm,” thuirt Fionnghal, “gairm gu seilg
Coin chaol’ nach mairg a chaitheadh cathar,
Gairmibh Bran, as gile cliabh,
Gairmibh Neart, is Ciar, is Luath,
Fhillein, a Roinne — tha san uaigh,
Tha mo mhac an suain a bhàis!
Cha robh bròn air athair m’ a mhac,
Thuit an còmhstri an tlachd òige.
Ghluais iadsa gun deòir fo sgàile,
Nuair shìnte air làr ceann an t-sluaigh.
Bha Bran a’ donnalaich r’ a thaobh,
Luath gruamach nan raon fo bhròn;
Is minic a ghluais iad maraon
Do sheilg is do ruadhaibh na fàsaich.

Litreachas eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Raibeart Burns

[deasaich | deasaich an tùs]
Luath agus Caesar ann an Allmhagh

Ged nach robh Raibeart Burns ro dhèidheil air a' Ghàidhlig, bha cù ionmhainn aige air an robh Luath. Chaidh Luath aigesan a mharbhadh an oidhche mus do chaochail athair Burns ann an 1786.[2] Thathar ag ràdh gun do chuir Luath a' bhacaig air Jean Armour aig banais, a' toirt cothrom dha Burns bruidhinn ris a' bhoireannach a bha e a' dol a phòsadh aig a' cheann thall.[3] Rinn Burns dàn dhan chollaidh seo san dàn "The Twa Dogs" aige, aoir phoileataigeach anns a bheil collaidh aig fear-treabhaidh air a bheil Luath is a tha a' teagasg dha Caesar, an cù aig uachdaran air choreigin, gu bheil bochdainn onarach nas luachmhoire no àrd-bheus math dh'fhaodte.

Luath agus Burns
…The first I'll name, they ca'd him Caesar,
Was keepit for His Honor's pleasure:
His hair, his size, his mouth, his lugs,
Shew'd he was nane o' Scotland's dogs;
But whalpit some place far abroad,
Whare sailors gang to fish for cod.
His locked, letter'd, braw brass collar
Shew'd him the gentleman an' scholar;
But though he was o' high degree,
The fient a pride, nae pride had he;
But wad hae spent an hour caressin,
Ev'n wi' al tinkler-gipsy's messin:
At kirk or market, mill or smiddie,
Nae tawted tyke, tho' e'er sae duddie,
But he wad stan't, as glad to see him,
An' stroan't on stanes an' hillocks wi' him.
The tither was a ploughman's collie
A rhyming, ranting, raving billie,
Wha for his friend an' comrade had him,
And in freak had Luath ca'd him,
After some dog in Highland Sang,
Was made lang syne, - Lord knows how lang.

J. M. Barrie

[deasaich | deasaich an tùs]
Luath aig J. M. Barrie

Bha Newfoundland fireann dubh is geal aig J. M. Barrie air an robh Luath agus tha Nana, an cù aig clann teaghlach Darling san sgeulachd Peter Pan stèidhichte oirre. Sgrìobh Barrie: I must have sat at table with that great dog waiting for me to stop, not complaining, for he knew it was thus we made our living, but giving me a look when he found he was to be in the play, with his sex changed.[4]

Tha Luath Press na fhoillsichear a chaidh a stèidheachadh ann an 1981 anns a' Bhàrr ann an Siorrachd Àir, ged a tha iad stèidhichte ann an Dùn Èideann an-diugh. Tha iad, sa mhòrchuid, a' foillseachadh leabhraichean mu dheidhinn cànain is litreachais na h-Alba.

  1. "Luath, an cù slànachaidh" (PDF). Sgeulachdan nan Gaisgeach. Retrieved 7 June 2026.
  2. Orr, Jennifer (2014). "The Twa Dogs". BBC Website. Retrieved 6 June 2026.
  3. Cairney, John (2013): The Luath Burns Companion. Luath Press.
  4. Muir, Margaret (2009). "Nana and Luath - the fact and fiction of a pair of Newfoundland dogs". Retrieved 6 June 2026.