Liz Lochhead

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Liz lochhead)
Liz Lochhead
The Scots Makar (en) Translate

Beatha
Breith Tobar na Màthar, 26 dhen Dùbhlachd 1947
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Sgoil-ealain Ghlaschu
Dalziel High School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Duaisean a fhuaras

Tha Ealasaid 'Liz' Lochhead (rugadh 26mh den Dhùbhlachd, 1947) na bana-bhàrd agus bana-dhràmadaiche à Newarthill, Siorrachd Lannraig a Tuath.

Cùl-ionad[deasaich | deasaich an tùs]

Aig tòiseachd nan seachdadan, dh'aontaich i leis a' bhuidhinn sgrìobhaichean aig Philip Hobsbaum, a bha deatamach don adhartas ealanach ann an Alba is a thug ballrachd do Alasdair Gray, Seumas Kelman is Tomas Lionaird. Sgrìobh i na dealbhan-chluiche Blood and Ice, Mary Queen of Scots Got Her Head Chopped Off (1987), Perfect Days (2000) agus thionndaich i Tartuffe, le Molìère, dhan Beurla Ghallda; obair a fhuair deagh chliù critigeach. B'e a rèiteachadh de Medea, le Euripedes, a bhuainnich Duais a' Chomuinn Saltire mar leabhar a' bhliadhna ann an 2001. Sgrìobh i son BBC Rèidio a 4: Blood and Ice (11mh den t-Ògmhìos, 1990), The Perfect Days (16mh den Chèitinn, 1999), Mary Queen of Scots Got Her Head Chopped Off (11mh den Ghearrain) agus The Stanley Baxter Playhouse: Mortal Memories (26mh den t-Ògmhìos, 2006). Mar a' chuid obrach aice san taigh-chluiche, bidh a chuid bhàrdachd beòthail le gnàthasan cainnt innsginneach. Am measg nan cruinneachaidhean aice tha Memo For Spring (1972), True Confessions and New Clichés (1985), Bagpipe Muzak (1991) agus Dreaming Frankenstein and Collected Poems (1984). Tha i air co-obrachadh ris an sgrìobhaiche òrain is seinneadair Mìcheal Marra.

Ann an Fhaoilleach 2001, chaidh i a h-ainmeachadh mar Prìomh Bhàrd nan Albannach, am bàrd nàiseanta, a' leantainn air Eideann Mòrgan a bhàsaich am bliadhna an-uiridh.