Jump to content

Lisa Storey

O Uicipeid
Lisa Storey
Beatha
Breith Bhatarsaigh, 1935
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-teagaisg, sgrìobhadair agus obraiche-raoine
Fastaichean Sgoil Eòlais na h-Alba

'S e tidsear, sgrìobhadair, foillsichear agus neach-iomairt a th' ann an Lisa Storey (1935–) [1]

Rugadh agus thogadh i ann am Bhatarsaigh leis an sloinneadh Lisy Dhonnchaidh Mhòir.[1]

Rinn i iomadh seòrsa obair ann an saoghal na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, eadar foillseachadh, teagasg agus strì airson còraichean luchd na Gàidhlig.[2] Chruinnich i beul-aithris ann am Bhatarsaigh às leth Sgoil Eòlais na h-Alba.[1] Bha i ag obair na tidsear ann an Sgoil a' Mheadhain (Central Primary School) ann an Inbhir Nis nuair a thòisich foghlum tro mheadhan na Gàidhlig ann an 1985.[1]

gaidhlig.tv

[deasaich | deasaich an tùs]

Tron iomairt gaidhlig.tv, còmhla ri feadhainn leithid Aonghas Dubh MacNeacail, Robbie MacLeòid, Ishi NicIlleathain agus Aonghas Pàdraig Caimbeul, rinn i strì airson barrachd Gàidhlig ann am meadhanan Gàidhlig an latha an-diugh. Ann an 2016, thuirt i ann an litir gu Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagain "Gabhaidh Gàidhlig a thoirt air adhart air BBC Alba, agus toisichidh sinn le fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air falbh, agus fo-thiotalan Beurla, ma dh'fheumas iad a bhith ann, a bhith falaichte. ’S e fo-thiotalan falaichte a tha an rannsachadh as fheàrr a’ moladh. ’S e sin a tha ceart do na Gàidheil cuideachd."[3]

CLÀR agus foillsichearan eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Eadar 1996-2021, bha Lisa Storey a' stiùireadh CLÀR: dh'fhoillsich an companaidh faisg air 80 leabhar (agus 60 boireannach) nuair a bha i ann.[4] Tha Lisa a-nis air falbh bho Chlàr, ach tha i fhathast an-sàs ann an Clò Phabaigh agus Leabhraichean Beaga.


Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean do dh'inbhich

[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean cloinne

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Taghadh de sgeulachdan o bheul-aithris air an cruinneachadh agus an deasachadh le Lisa Storey.
  • Leabhar làn gheamannan mar tòimhseachain-tarsainn, ioma-shlighean, ceistean, lìon na beàrnan agus anagram
  • Sgeulachd
  • 2000. An Iteileag aig Calum agus Mòrag. (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 31 3
  • Sgeulachd
  • 2002. Calum agus Mòrag air chuairt sa Choille (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 32 1
  • Sgeulachd

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Lisa Storey air làrach Tobar an Dualchais. Leughte 25 Iuchar 2011
  2. Storey, Liza. "Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders". Bhatarsaigh. Retrieved December 14, 2022.
  3. Storey, Liza. "Litir gu MG ALBA". gaidhlig.tv. Retrieved December 14, 2022.
  4. Lisa Storey agus Catriona Mhoireach (2021): Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna: CLÀR - 25 years of Gaelic publishing. CLÀR, td. 5. ISBN 978-1838233709. 

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]