Jump to content

Jeanne d'Arc

O Uicipeid
Jeanne d'Arc
Beatha
Ainm slàn unknown value
Breith Domrémy-la-Pucelle, 6 dhen Fhaoilleach 1412
Dùthaich Rìoghachd na Frainge
Ciad chànan Meadhan-Fhraingis
Bàs Rouen, 30 dhen Chèitean 1431
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (death by burning (en) Translate)
Murtair Geoffroy Thérage
Teaghlach
Athair Jacques d'Arc
Màthair Isabelle Romée
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Meadhan-Fhraingis
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd luchd an airm
Duaisean a fhuaras
Tèarmann
30 an Cèitean
Seirbheis san arm
Strì Hundred Years' War (en) Translate
Siege of Orléans (en) Translate
Battle of Jargeau (en) Translate
Battle of Meung-sur-Loire (en) Translate
Battle of Beaugency (en) Translate
Battle of Patay (en) Translate
March to Reims (en) Translate
Siege of Paris (en) Translate
Siege of Saint-Pierre-le-Moûtier (en) Translate
Siege of La Charité (en) Translate
Siege of Compiègne (en) Translate
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

B' e saighdear agus taibhsear a bha ann an Jeanne d'Arc no Maighdeann Orléanach.

Timcheall air 1412 rugadh i ann an Domrèmy ann an Siorrachd Bhar anns an Fhraing an ear-thuath. Nuair a bha i a dh'aois 13 fhuair i "fiosan" spioradail à naoimh agus à aingealan agus ann an 1428 dh'innis na guthan seo dhi gum bu chòir dhi an sèist Sasannach far Orléans a thogail agus Crùn na Frainge a bhuannachadh airson an Dauphin, oighre an Rìgh. Bha an Fhraing a' cogadh ri Sasainn agus ri Burgandaidh aig an àm sin. Dhearbh i air a h-uncail, Durand Laxart, ga toirt gu Robert de Baudricourt ann an Vaucouleurs, a thug i gu caisteal an Dauphin fhèin ann an Chinon.

Ged nach do d'fhuair i taic bho na comandairean Frangaich, threòraich i na feachdan an aghaidh nan Sasannach ann an Orléans. Bha i air a gonadh ach thill i an ath-là is thuit Orléans aig na Frangaich 8 an Cèitean 1429. An dèidh sin bhuannaich iad bailtean cudromach ri taobh an Abhainn Loire agus chaidh an Dauphin a chrùnadh mar Teàrlach VII 17 an t-Iuchar 1429 ann an Reims far an deach a h-uile Righ a chrùnadh bho Ùisdean Capet ann an 987.

Dh'fhuirich i anns a' chùirt gu ruige 1430 is i a' dol gu Compiègne far an do shabaid i ri na Sasannaich agus na Burgandaich. Chaidh a glacadh leis na Sasannaich agus loisg iad i ri bacan 30 an Cèitean 1431. Chaidh i na naomh ann an 1920.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. DeVries, Kelly: “Joan of Arc”. Na h-Arm-lannan Rìoghail. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2023.

Ceanglaichean

[deasaich | deasaich an tùs]