Camanachd Inbhir Aora

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Inbhir Aora (Iomain))
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Camanachd Inbhir Aora
Shinty at Inveraray - geograph.org.uk - 1305583.jpg
Spòrs Camanachd
Stèidhichte 1877
Suidheachadh Winterton Park, Inbhir Aora
Lìg Roinn Nàiseanta[1] (2016)

'S e club iomain a th' ann an Camanachd Inbhir Aora.[2] Is iad na far-ainmean Beurla: an taobh Royal Burgh agus na 'Aray Boys'.

Tha an club stèidhichte ann an Inbhir Aora, Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Alba. Cluichidh iad ann an lèintean dubha is buidhe agus briogaisean ghoirid dubha is buidhe. Cluichidh iad aig an raon-cluiche Winterton Park.

Tha dà sgioba fir aca. Bidh sgioba a' cluich anns an Roinn Nàiseanta. Tha sgioba glèidhte ann cuideachd a bhios a' cluich ann an Sgìre a Deas Marine Harvest 2.[3]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Stèidhicheadh an club ann an 1877.[3] Thòisich iad a' cluich aig Winterton Park a tha buntainn ri Diùc Earra-Ghàidheal ann an 1878.[3] Ach aig deireadh an seusan 1936, dh'fheumadh iad stad nuair a chaidh an club toirmeasg bho farpaisean fad ochd bliadhnaichean.[3]

As dèidh an Dàrna Cogaidh, dh'aonaich an club le An Fhùirneis (Furnace) fon ainm ùr Taobh Loch Fìne (Loch Fyne-side).

  • 1957, stèidhicheadh Inbhir Aora a-rithist
  • 1979, thàinig e gu crìoch
  • 1982, dh'fhosgail an club a-rithist

B' e an t-seusan 2000-2001 an t-seusan as soirbheachail dhaibh. Bhuannaich iad na duaisean Cupa Lìg an Roinn Nàiseanta, Cupa a' Chomainn Cheiltich Ghlaschu, Cupa a' Bhaile Mhòir agus an Cupa MhicAmhlaigh. Fhuair iad duaisean cuideachd airson Sgioba na Bliadhna, Còidse na Bliadhna agus Cluicheadair na Bliadhna.[3]

Ràinig iad Cuairt-dheireannach Cupa na Camanachd ann an 2002 ach chaill iad 3-2 an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Ann an 2004 an aghaidh An Gearasdan, ged-tà, bhuannaich iad 1-0.[3]

Chluich iad ann am Prìomh-roinn Scottish Hydro gu 2015.

Cupa na Camanachd 1903[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1903, chluich Inbhir Aora anns an cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Chluicheadh an geama ann am Peairt agus 's e sgòr co-ionann a bha ann aig deireadh a' gheama. Gus an geama a chluich a-rithist, chuir Comann na Camanachd air dòigh e ach, an turas sin, ann an Inbhir Nis. Dhiùlt Inbhir Aora siubhal an t-astar siud agus thug an Comann an duais gu Ceann a' Ghiuthsaich.[3]

Duaisean[deasaich | deasaich an tùs]

Faic Cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Marine Harvest National Division(Beurla). Comann na Camanachd. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2016.
  2. Ainm a rèir làrach-lìn a' chlub Làrach-lìn Oifigeil air archive.org. Air tarraing 30 Màrt 2014
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 3.6 Làrach-lìn oifigeil air archive.org. Air tarraing 29 Màrt 2014