Iain MacRàth

O Uicipeid
Iain MacRàth
Beatha
Breith Na Hearadh
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd actair, actair telebhisein agus neach-teagaisg

’S e cleasaiche proifeiseanta agus sgrìobhaiche dràma a tha ann an Iain MacRàth (Beurla: Iain MacRae).

Dràma[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh e a tha ag obair sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha e air a bhith ’na chleasaiche proifeiseanta bho thoiseach nan 1980an, ann an dealbhan-cluiche, telebhisean, film agus rèidio. Am measg na rinn e, tha obair còmhla ri Teatar Nàiseanta na h-Alba, Communicado, Traverse, Teatar Mhuile, White Stag Forge, Watford Palace, Hull Remould, Tosg agus Teatar na h-Alba. Bha e anns na prògraman telebhisein Crowdie and Cream, Machair, Falach Fead, RanDan, River City, Case Histories agus Bannan.

Sgrìobhadh[deasaich | deasaich an tùs]

Mar sgrìobhaiche, fhuair e coimisean bho Phròiseact nan Ealan airson Taigh Sheonachain, a bha ’na phàirt de Gairm nan Gàidheal ann an 2014, obair chlùiteach a bha a’ cuimhneachadh a’ Chogaidh Mhóir. Sgrìobh e agus ghabh e pàirt ann am Fantom san Citizens Theatre san Dàmhair 2014. Choisinn e duais “Sgrìobhaiche Ùr Dràma Gàidhlig 2015” bho Playwrights’ Studio/Comhairle nan Leabhraichean. Bha e ’na stiùiriche san dràma Sequamur.

Ann an 2017, bhuannaich e Duais Dhòmhnaill Meek airson an dealbh-cluiche Taigh Sheonachain.[1]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Duaisean Dhòmhnaill Meek - Na Duaisean(Gàidhlig). Comhairle nan Leabhraichean. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2017.