Iùgoslaibhia
Iùgoslaibhia Jugoslavija/Југославија | ||||||||||||||
| ||||||||||||||
Mapa | ||||||||||||||
Fiosrachadh | ||||||||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1918 | |||||||||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1992 | |||||||||||||
Prìomh-Bhaile | Belgrade | |||||||||||||
Càna(i)n Oifigeil | Sèirb-Chroatais | |||||||||||||
Farsaingeachd | 108,333 km2 | |||||||||||||
Àireamh-shluaigh | 16,111,000 (1990) | |||||||||||||
Dlùths | 148.72/km2 |
B' e dùthaich ioma-nàiseanta anns an Roinn-Eòrpa a bha ann an Iùgoslaibhia neo An Iùgoslabh[1] (Aibidil Ròmanach: Jugoslavija, Aibidil Cirileach: Југославија) a mhair bho 1918 gu 1992. B' e Belgrade a bh'ann prìomh-bhaile na dùthcha.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Iùgoslaibhia a chruthachadh tron Chòrdadh Rapallo ann an 1918,[3] dìreach an dèidh a' Chogaidh Mhòir nuair a bhris Ostair-Ungaire a-mach às a chèile. B' e monarcachd[4] a bh' ann agus mhair an stàit seo gu ruige 1 an Giblean 1941 nuair a thug A' Ghearmailt, An Ungair agus An Eadailt ionnsaigh oirre.[5] An dèidh a' Chogaidh chaidh crìochan na stàite a leasachadh, a' gabhail a-steach Istria, Zadar agus Rijeka, a bhuineadh dhan Eadailt ron a' chogadh. Chuireadh às dhan Mhonarcachd ann an 1945[6] agus chaidh Poblachd Shòisealach a ghairm ann an 1946. Ann an 1963 chaidh structair feadarail a chur air bhog,[7] a' roinneadh na dùthcha ann an sia poblachdan fèin-riaghalaidh. Cha do ghabh Iùgoslaibhia ris a' cho-aonta Warszawa air sàilleabh gun leanadh i a slighe fhèin a dh'aindeoin 's gur e dùthaich Comannach a bh' innte.[8] Aig deireadh nan 80an thoisich pròiseas far a bhriseadh na stàite ann an dùthchannan na bu lugha air sàilleabh staing an eaconomaidh agus trioblaid eadar na nàiseanan nuair a chaidh Co-mhaoineas sìos an dèidh 1989.[9] Bha sreath dhe cogaidhean sìobhalta[10] fuilteach ann gus a chaidh Iùgoslaibhia a bhith mu dheireadh thall. Chuireadh ainmean gu Còrdadh na Sìthe ann an Dayton ann an 1995.[11] Tha fearann Iùgoslaibhia air a roinneadh eadar Bosna agus Hearsagobhana, Cosobho, Poblachd na Cròthaise, Masadoinia, Am Monadh Neagrach, Sloibhìnia agus An t-Sèirb.