Hammy Sgìth
| Hammy Sgìth | |
|---|---|
| Beatha | |
| Dùthaich |
|
| Foghlam | |
| Cànain |
Gàidhlig Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
rapper (en) |
Is e Bàrd agus Ceòladair à Gàidhealtachd na h-Alba a th’ ann an Hammy Sgìth. Bidh e a’ sgrìobhadh agus a’ rappadh ann an Gàidhlig, ann an cànan a chridhe mar a chanas e fhèin. On a dh’fhollais e a’ chiad bhideo aige, Lochdoon, tha e air cliù a choisinn ann an Èireann agus an RA son a mheasgachaidh dhe cultar tradaiseanta na Gàidhealtachd agus Stoidhlean Cruthachaidh Hip-Hop seann-nòsach. Chaidh an ath òran aige, ’Daftaidh’, a chluiche air stèiseanan rèidio ann an trì diofair dùthchannan agus seo mar a fhuair e àire an Wee Studio.
Shoidhnich Hammy dhan leubail ann an 2022 agus thòisich e ag obair air a’ chiad chlàr aige ’Beò’. Chaidh an t-albam a chruthachadh le inneal chlàir a fhuair e on leas-mhàthair a bha ga chleachdadh sna h-ochdadan agus stòras mòr dhe chlàraidhean ’land-fill trad’ a chaidh a dhèanamh sna na seasgadan agus seachdadan a lorg Hammy sna bùithtean charantais ann an Glaschu. Chuir e ri chèile albaman leithid ’Scot-Free’ le Na h-Òganaich le beàrnain-druma Hip-Hop clasaigeach agus chruthaich e albam air a bhrosnachadh le ’Golden Age Hip-Hop’ agus le colas gu tùr Albannach agus Gàidhealach.
Le ceòl, tha e air bhrosnachadh le dànachd phrobhail Mhartyn Bennet, craic agus spòrs Pheat agus Diesel agus gu dearbh spioraid reubalach Khneecap. Na chuid Bhàrdachd, bidh e a’ feuchainn air saoghalan os-fhìreach a thogail air a bhrosnachadh le beul-aithris agus an latha an diugh. Smaoinich air MF Doom ach an àite Gàisgich Chomic Books a’ gabhail sràidean Eabhrac Nuaidh, tha e sgrìobhadh mu na fianna agus Cù Chulainn a’ gabhail deoch is dèanamh murt ann an taighean-seinnse Ghlaschu.
Bharrachd air a sin, tha Hammy air a bhrosnachadh le mar a chaidh e a thogail eadar na dà shaoghail sa dhùthaich agus sa bhaile, agus eadar Gàidhlig agus Beurla. Le aon làmh bidh e a’ cur fuaim agus teine a’ bhaile na chuid cheòl- agus leis an làimh eile bidh e a’ cur ann cianalas agus tàmh na Dùthcha. Armaichte le Mic agus MPC, is urrainn dha Hammy smachd a ghabhail air a luchd-èisteachd gun rud sam bith ach a ghuth agus a chuid ealain. Son obair, fhuair e duais ’Cluiche as fheàrr’ aig Fiolm G agus tha obair fhathast a’ steinneadh breithnichean agus luchd-èisteachd air feadh na dùthcha.
Bidh e a’ sealltainn a phròiseis dhan luchd-èisteachd aige tro Tiktok- far am bi e a’ postadh a phròiseis chruthachaile, a smuaintean coitcheann air cultar na h-Alba agus a chuid thagradaireachd son na Gàidhlig. Mar neach-ionnsachaidh inbheach, tha e ag aithneachadh dè cho cumhachdach ’s a tha an cànan agus mar thogas e misneach cultarach agus ceangal dhan tìr ann am muinntir na Gàidhealtachd. Is miann leis gun togadh e am misneachd agus an ceangal sin san luchd-èisteachd aige tro cheòl is craic.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “SpeakGaelic series 2 (A2), Aig an Taigh”. BBC ALBA (11mh dhen Ghiblean 2022). Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2025. Agallamh Joy Dunlop le Hammy Sgìth