Jump to content

Gnìomhair

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Gniomhair)

'S e pàirt gràmair glè chudromach a tha ann a’ "ghnìomhair" (Beurla verb). 'S e am facal dh’innseas dè tha cuideigin neo rudeigin a’ dèanamh, a’ faireachdainn ⁊c. 'S e gnìomhairean a tha ann am facail mar "bi", "ceannaich", "ith", "snàmh", agus "suidh"

Chan urrainn do ainmear rosg-rann a dhèanamh na aonar, ged is urrainn do gnìomhair ga dhèanamh.

Coltach ri Gàidhlig na h-Èirinn agus Gàidhlig Mhanainn, tha riochdan eisimeileach is neo-eisimeileach aig gnìomhairean na Gàidhlig. Bidh an riochd eisimeileach a' nochdadh às dèidh mìrean; an/m (mìr ceisteach), cha(n) (mìr àicheil), gun/nach

An Tràth Làthaireach

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha bhi an Tràth Làthaireach a' nochdadh anns a' Ghàidhlig an-diugh, ach aon ghnìomhair; tha, agus an riochd eisimeileach aige; (chan) eil + (a bh)eil.

An Tràth Caithte

[deasaich | deasaich an tùs]

Dèanar gnìomhairean riaghailteach le sèimheachadh na gaise. Dèanar an riochd eisimeileach anns an aon dòigh, ach cuirear 'do' eadar am mìr agus an gnìomhair.

Ceannaich - Cheannaich | Cha do cheannaich | An do cheannaich?

Ith - Dh'ith | Cha do dh'ith | An do dh'ith?

Suidh - Shuidh | Cha do shuidh | An do shuidh?

Gnìomhairean neo-riaghailteach
Abair Thuirt Cha tuirt An tuirt?
Beir Rug Cha do ruig An do rug
Cluinn Chuala Cha cuala An cuala?
Dèan Rinn Cha d' rinn An d' rinn?
Faic Chunnaic Chan fhaca Am faca?
Faigh Fhuair Cha d' fhuair An d' fhuair
Rach Chaidh Cha deach An deach?
Ruig Ràinig Cha d' ràinig An d' ràinig
Thoir Thug Cha tug An tug?
Thig Thàinig Cha tàinig An tàinig?

An Tràth Teachdail

[deasaich | deasaich an tùs]

Dèanar gnìomhairean riaghailteach leis an deireadh (-[a]idh) a chur ris a' ghas. Tha an riochd eisimeileach dìreach an gas gnìomhaireach.

Tha riochd a bharrachd ann cuideachd, an riochd dàimheach. Cleachdar an riochd seo ro fhaclann leithid, 'dè', 'carson', 'ma', 'nuair a', às bith a bhios 'a' (an riochdair dàimheach) an-diugh no gu h-eachdraidheil.

Ceannaich - Ceannaichidh | Cha cheannaich | An ceannaich? | cheannaicheas

Ith - Ithidh | Chan ith | An ith? | itheas

Suidh - Suidhidh | Chan shuidh | An suidh? | suidheas

Gnìomhairean neo-riaghailteach
Abair Their

Canaidh

Chan abair

Cha chan

An abair?

An can?

dh'abras

chanas

Beir Beiridh Cha bheir Am beir? bheireas
Cluinn Cluinnidh Cha chluinn An cluinn? chluinneas
Dèan Cha dèan An dèan?
Faic Chì Chan fhaic Am faic? chì
Faigh Gheibh Chan fhaigh Am faigh? gheibh
Rach Thèid Cha tèid An tèid? thèid
Ruig Ruigidh Cha ruig An ruig? ruigeas
Thoir Bheir Cha toir An toir? bheir
Thig Thig Cha tig An tig? thig

An Tràth Cumhach

[deasaich | deasaich an tùs]

1d phearsa singilte: cuirear -(a)inn ri deireadh na gaise sèimhichte.

1d phearsa iolra: cuirear -(e)amaid ri deireadh na gaise sèimhichte.

Gach pearsa eile: cuirear -(e)adh ri deireadh na gaise sèimhichte.

Tog!
Thogainn
Thogadh tu
Thogadh e/i
Thogamaid/Thogadh sinn
Thogadh sibh
Thogadh iad

An Tràth Coileanta

[deasaich | deasaich an tùs]

Faicibh tuilleadh

[deasaich | deasaich an tùs]