Galar ana-chaidreamhach na pearsantachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha galar ana-chaidreamhach na pearsantachd no càileachd ana-chaidreamhach sònraichte leis an Leabhran Breithneachail is Àireamhail nan Galar Inntinneil a' Bhuidheann Ameireaganach an Eòlais-Inntinn cho "...cumadh leantach an dìmeis agus èigneachaidh nan còir luchd eile gun tòisich 'san leanabas no 'san òige mhoich agus gum mair a-steach dhan dh'inbhe."

Breithneachadh[deasaich | edit source]

DSM[deasaich | edit source]

Sònraichidh an Leabhran Breithneachail is Àireamhail nan Galar Inntinneil (on Bheurla Diagnostic and Statistical Manual of Mental Disorders) clò-bhualadh ceathramh, DSM IV-TR = 301.7, 'na leabhran air a chleachdadh gu cumanta airson bhreithneachaidh nan galar inntinneil, galar ana-chaidreamhach na pearsantachd ('san Aisil II Grunnan B) cho:

A) Tha ann cumadh leantach dhìmeis air is millidh nan còir luchd eile gun tachair o chionn an dara chuid leanabas, no sa' chùis mhòrain dhaoine a tha air stiùireadh le bunan-chùis na timcheallachd, mu dheidhinn aois chòig bliadhnaichean deug, mar chomharraicheadh trì no tuilleadh nan coltas seo leantala:
  1. fàilligeadh a ghèilleadh ri àbhaistean le meas ri giùlanan reachdala mar chomharraicheadh gnìomhachaidhean ann an dòighean gum barrantaicheadh cur an làimh;
  2. mealladh, mar chomharraicheadh an dèanamh leantach nam breugan, cleachdadh nan ainm-brèige, no a' cur car ann an daoine eile airson bhuannachd dhìomhaire no tlachda;
  3. spreigearra, gun comas a shuidheachadh;
  4. crostachd agus ainneart, mar chomharraicheadh sabaidean trice is ionnsaighean trice;
  5. dìmeas coma airson an sàbhailteachd fhèin na t-sàbhailteachd luchd eile;
  6. Gu seamhach gun cùram, mar chomharraicheadh fàilligeadh leantach a thaicheadh giùlan seasmhach oibre no a chur urram air dleasdanasan ionmhasala;
  7. dìth an aithreachais, mar chomharraicheadh suarachas ri no reusanachadh ciùrradh, beubanachadh, no goid à luchd eile;
B) Tha an neach co-dhiù ochd bliadhna deug a dh'aois.
C) Tha ann dearbhadh ghalar giùlain le ionnsaigh mus aois chòig bliadhna deug.
D) Cha thachair ghiùlain ana-chaidreamhaich le toirmeasg fad a' chùrsa an sgoltadh-inntinn no boile-chuthaich.

Comharraichidh dearbhadh ùr gun èirich leanaban dhan Ghalar Ana-chaidreamhach na Pearsantachd airson am coimhearsnachd, a thuilleadh am sliochd ginteil. Feumaidh an neach a bhith air a’ char as lugha 18 bliadhnaichean a dh’aois airson a’ bhreitheachaidh a’ ghalair seo (Dearbhadh B), ach bha na luchd am bitheanta a thug breithneachadh le GACP ‘nan inbhich air bhreitheachadh le Galar Giùlain ‘nan leanaban. Tha am bitheantas a’ ghalar seo 3% ann am fireannaich agus 1% ann am boireannaich, mar chuir am DSM IV-TR an cèill.