Frontino

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Frontino
Flag of Frontino (Antioquia).svg [[Faidhle:|90px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Antioquia - Frontino.svg
Sealladh air a' bhaile
SECTOR URBANO DE FRONTINO.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Antioquia Department.svg Antioquia
Sgìre Ear-dheas
Àirde 1350m
Co-chomharran 06° 46' 43' Tuath
76° 07' 53' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,263 km²
Àireamh-shluaigh 20,031 (2005)
Dlùths 15.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Dabeiba ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann am Frontino. Tha e suidhichte aig 1,350m os cionn ìre na mara agus 146km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 21.1˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1806.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  7,614 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 20,031 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Fredonia, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 10.4% Tùsanaich ann.  'S urrainn do 78.3% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 32.6% nan dachaigh.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Frontino. Chithear fèilltean  Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Data
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag-fiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Fredonia