Jump to content

Fredonia

O Uicipeid
Fredonia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Ear-dheas
Àirde 1800m
Co-chomharran 05° 55' 00' Tuath
75° 40' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 274 km²
Àireamh-shluaigh 22,692 (2005)
Dlùths 82.82/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Amagá ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Fredonia (IPA:  fɾeˈðonja). Tha e suidhichte aig 1,800m os cionn ìre na mara agus 58km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 19.5˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1790.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  8,608 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 22,692 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math neo-àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Fredonia, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga ann.  'S urrainn do 84.1% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 46.5% nan dachaigh.[5]  

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Fredonia. Chithear fèilltean  Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Climate Data
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag-fiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Fredonia