Jump to content

Foill-mhortadh an Prìomh-diùc Franz Ferdinand

O Uicipeid

Mharbhadh an Prìomh-diùc Franz Ferdinand air 28mh an t-Ògmhios 1914. 'S e an gniomhar seo aon de na rudan a' lean dhan Chogadh Mhòr.

B' e uasal a' chrùin a bh' ann de dh'Ìmpireachd na h-Ostaire 's na h-Ungaire. Mharbhadh e agus a' bhean ann an Sarajevo, fo làimh de Gavrilo Princip, nuair a bha iad a' draibheadh tron phrìomh-bhaile.

Dealbh den foil-mharbhadh anns a' phàipear-naidheachd Eadailteach La Domenica del Corriere, 12mh den Iuchar 1914 le Achille Beltrame

Bha Princip pàirt den phràsgan Làmh Dhubh, agus còmhla ri sianar eile; Muhamed Mehmedbašić, Vaso Čubrilović, Nedeljko Čabrinović, Cvjetko Popović, Trifko Grabež, agus a' phriomh dhuine san sgioba beag, Danilo Ilić. Ach aon, bha iad uile Sèirbich-Bhosnaich agus pàirt den iomairt Bosna Òg (Sèirbis:Млада Босна). Bha saorsainneachd Bosna agus Hearsagobhana, agus a' togail staid Shlàbhach a Deas ("Yuogoslav"), am brosnachadh airson an fhoill-mharbhaidh. Chuir seo e ris Strì an Iuchair, a thoisich a' Chogadh Mhòr.

Foill-mharbhadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Snaoth-dhraibh

[deasaich | deasaich an tùs]
Gräf & Stift 1911 28/32 PS Double Phaeton anns a bha Prìomh-diùc Franz Ferdinand nuair a bhàsaich e. Taigh-tasgaidh Eachdraidh Armailtich, Vienna (2023)

Thug na sianar na h-àiteachan aca far an robh Franz Ferdinand air a bhith a dhraibheadh, madainn 28mh den Iuchar 1914. Chaidh am prìomh dhuine, Danilo Ilić, timicheall na sianar air an brosnachadh.[1]

Thoisich Franz Ferdinand bho Ilidža Spa air an trèana.[2] An-dèidh sin, choinnich iad le Riaghladair Oskar Potiorek agus sia càraichean aig Stèisean Sarajevo. Bha am Prìomh-oifigear de Tèarainteachd Shòisealta anns a' chiad chàr, còmhla ri trì oifigean-poilis ionadail (an àite na Tèarnainteachd Shònraichte a' ciallachadh a bhith ann).[3] Chaidh an Àrd-bhàillidh agus a' phrìomh oifigear-poilis anns an dàrna chàr. B' e càr spòrs Gräf & Stift a bh' anns an treasamh càr, far an robh Franz Ferdinand, Sophie, Riaghladair Potiorek, agus Leifteanant Còirneal Cunnta Franz Von Harrach.[3] Chaidh iad dhan taigh-feachd aig an tòiseach, agus bha iad air a dh'fhalbh aig 10m airson talla a' bhaile.[4]

Cha robh an sàbhailteachd làidir ann an Sarajevo. Thuirt an ceann-armailt ionadail, Seanailear Micheal von Appel, gum biodh e nas fhèarr ma bhios na saighdearan air an rathad air fad, ach thuirteadh nach biodh sin còrdaichte le muinntir an àite. Mar sin nach robh daoine sam bith ann ach seasgad den phoilis ionadail Sarajevo.[5]

Cha do rinn Mehmedbašić, a' chiad dhuine, a bha faisg air an gàrradh den Mostar Café le boma.[6] Chuir Ilić Mehmedbašić agus Vaso Čubrilović ri chèile, bha boma agus piostal aig Čubrilović, ach cha do rinn e dad nas motha. Bha Nedeljko Čabrinović air an taobh eile den rathad, faisg air an abhainn Miljacka, ri boma cuideachd.

Chaith Čabrinović an àirde boma aig 10:10 sa mhadainn, ach chaidh e air a' mhuin den chàr, a' dol air an rathad. [7][8] Bha detonator tìmichte aig a' bhoma, mar sin gun fhalbh am bomba fon a' chàr às a dhèidh, a' fàgail 16-20 daoine ann an ciùrradh.[9]

  1. ↑ Albertini, Luigi (1953): Origins of the War of 1914. Vol II.. Oxford: Oxford University Press, td. 42. ISBN OCLC 168712.
  2. ↑ Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 9. OCLC 400010.
  3. 1 2 Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 11. OCLC 400010.
  4. ↑ Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 9; 12. OCLC 400010.
  5. ↑ King, Greg ⁊ Woolmans, Sue (2013): Assassination of the Archduke: Sarajevo 1914 and the Romance That Changed the World. St. Martin's Press, td. 168-169. ISBN 978-1250038678.
  6. ↑ Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 313. OCLC 400010.
  7. ↑ Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 12. OCLC 400010.
  8. ↑ Albertini, Luigi (1953): Origins of the War of 1914. Oxford: Oxford University Press, td. 35. OCLC 168712.
  9. ↑ Dedijer, Vladimir (1966): The Road to Sarajevo. New York: Simon and Schuster, td. 21. OCLC 400010.