Henry Whyte (Fionn)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Fionn (Henry Whyte))
Henry Whyte (Fionn)
Beatha
Breith Eilean Èisdeal, 1852
Dùthaich  Alba
Bàs 1913
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair
Far-ainmean Fionn

B' e sgrìobhadair Gàidhlig agus neach-iomairt a bh' ann an Henry 'Fionn' Whyte', no Eanraig MacGhille-bhàin (1853- 28 An Dùbhlachd 1913).[1] Bha e 'n sàs gu mòr ann an Còmhstrì an Fhearainn. Rugadh e ann an Eilean Èisdeal an Earra-Ghàidheal.[1] Sgrìobh e iomadach colbh-beachd agus artaigil a bha a' rannsachadh chuspairean poilitigeach.[2] Bha na h-artaigilean aige a' nochdadh gu tric ann an Oban Times no ann an iris An Gaidheal.[2] Dh'eadar-theangaich esan, no 's dòcha a bhràthair, Iain,[3] Achd nan Croitearan bho Bheurla gu Gàidhlig.[4] B' e a bhràthair Iain Whyte, no Iain Bàn Òg, sgrìobhadair agus eadar-theangaiche Gàidhlig cuideachd.

Òrain[deasaich | deasaich an tùs]

Clàr-leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Ath-chlò-bhualadh 1888
  • Ath-chlò-bhualadh 1894 (Edinburgh: John Grant)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Thomson, Derick. (1994). The Companion to Gaelic Scotland Glaschu: Gairm
  2. 2.0 2.1 Dòmhnall Eachann Meek. 'Radical Romantics: Glasgow Gaels & the Highland Land Agitation'. Glasgow: Baile Mòr nan Gàidheal / City of the Gaels (Glaschu: Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007) d. 163-166.
  3. Faic Meek d. 161
  4. BBC Bliadhna nan Òran

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]