Farpais Òran Eurovision
| Farpais Òran Eurovision | |
| Faidhle:Eurovision Song Contest 2026.svg Suaicheantas o chionn 2026 | |
| Seòrsa | Farpais-chiùil |
| Preasantair | Iomadh phreasantairean |
| Tùs-dùthaich | Iomadh dhùthchannan |
| Cànan | Iomadh chànanan; Beurla agus Fraingis sa mhòr-chuid |
| Àireamh eapasodan | 69 farpaisean 107 prògraman beò |
| Àiteachan-riochdachaidh | Iomadh bhailtean-aoigheachd |
| Fad nam prògraman | ~2 uair a thìde (leth-chuairtean) ~4 uairean a thìde (deiridhean mòra) |
| Companaidhean-riochdachaidh | Aonadh Craoladh na h-Eòrpa Iomadh chraoladairean-aoigheachd |
| Farpais Òran Junior Eurovision Ceòladairean Òga Eurovision Dannsadairean Òga Eurovision Farpais Dannsa Eurovision Còisir Eurovision Farpais Òran Aimeireaga | |
'S e co-fharpais òran eadar-nàiseanta a th' ann am Farpais Òran Eurovision (Beurla: Eurovision Song Contest, Fraingis: Concours Eurovision de la chanson), neo tric dìreach Eurovision. Tha Aonadh Craoladh na h-Eòrpa (ACE) agus na buill a th' ann air a bhith ga cur air dòigh uair sa bhliadhna o chionn 1956. Cuiridh gach craoladair òran ùr a riochdaicheas a dhùthaich agus bhòtaigidh luchd-coimhid ann an a h-uile dùthaich phàirtich airson a' bhuannaiche.
Riaghailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha riaghailtean na farpaise air an atharrachadh gu mòr o chionn gun do thòisich i ann an 1956. Bhiodh cuingeachaidhean a bharrachd a thaobh àireamh nan daoine air an àrd-ùrlar, agus a thaobh cànan nan òran. Chan e ach sianar luchd-taisbeantais a bhios air a cheadachadh a bhith air an àrd-ùrlar airson gach dùthcha[1], ach is urrainn dhi seinn ann an cànan sam bith[2]. Chan fheum òran a bhith nas fhaide na trì mionaidean a dh'fhad[1], riaghailt air a stèidheachadh ann an 1958 air sgàth òrain Eadailtich dhen bhliadhna roimhe, ‘Corde della mia chitarra’ le Nunzio Gallo, a bha air 5 mionaidean is 9 diogan a sheasamh. Airson 's gu bheil i ion-ròghnach, chan fhaod òran rach a tuasgladh ron 1ad dhen t-Sultain anns a' bliadhna ron fharpais fhèin[1], agus cha cheadaichear òrain ionnsramaideach neo a capella[3].
Chan urrainn dha neach-taisbeantais iomadh dhùthchannan a riochdachaidh ann an aon bliadhna[1], ach faodaidh an aon sgrìobhaiche-ciùil iomadh òran[4]. Faodaidh e tilleadh dhan fharpais, co-dhiù airson na h-aon dùthcha neo dùthcha eile. Faodaidh buannaichean tilleadh cuideachd airson an tiotail aca a dhìon, m.s.a.a. Lys Assia (An Eilbheis 1956, 1957 ⁊ 1958) agus Lena (A' Ghearmailt 2010 ⁊ 2011).
Dùthchannan a' gabhail pàirt
[deasaich | deasaich an tùs]Airson 's gun gabh dùthaich pàirt ann am Farpais Òran Eurovision, feumaidh i craoladair poblach na bhall gnìomhach (seach leas-bhall) ann an Aonadh Craoladh na h-Eòrpa. Cuirear fàilte air craoladairean a riochadaicheas dùthchannan suidhichte ann an Sgìre-craolaidh na h-Eòrpa (SCE), agus a sheirbhisicheas air a' chuid as lugha 98% dhe thaighean na dùthcha aca anns a bheil na h-innealan ro-fheumail airson an craoladh fhèin fhaighinn.
'S i Astràlia, air a riochdachadh le SBS, an aon dùthaich anns a' phrìomh-fharpais aig a bheil craoladair na leas-bhall. Tha 51 dùthaich eile air pàirt a ghabhail ri a taobh gu ruige seo.
- ↑ Air riochdachadh na Gearmailte an Iar gus 1990; cha do ghabh a' Ghearmailt an Ear pàirt a-riamh. Air a taisbeanadh mar 'A' Ghearmailt', ach ann an 1967 mar 'Federal Republic of Germany' (Poblachd Fheadarail na Gearmailte), ann an 1970 's 1976 mar 'West Germany' (A' Ghearmailt an Iar), agus ann an 1990 mar 'F.R. Germany' (P.F. na Gearmailte).
- ↑ Air riochdachadh Poblachd Fheadarail Shòisealach na h-Iùgoslaibhe gus 1991, agus Poblachd Fheadarail na h-Iùgoslaibhe ann an 1992.
- ↑ Air a taisbeanadh mar 'Former Yugoslav Republic of Macedonia' (Seann-phoblachd Iùgoslabhach na Masadoine) gus 2019.
- ↑ Air a taisbeanadh mar 'Czech Republic' (Poblachd na Seice) gus 2023.
- ↑ Bidh leas-bhall ACE a' riochdachadh Astràilia anns a' cho-fharpais; chaidh i a fiathachadh an toiseach airson an 60mh cinn-bhliadhna a chomharrachadh, ach tha i air pàirt a ghabhail gach bliadhna o a chionn.
Tha trì dùthchannan ann a thuirt gun robh iad airson pàirte a ghabhail, ach tharraing iad às a' cho-fharpais gus an do thòisich i. Ann an 1976, thagh Liechtenstein òran, ach chaidh e a dhiùltadh leis nach eil craoladair-rèidio neo craoladair-telebhisein na bhall ann an ACE aig an dùthaich. Bha Tuinisia agus Leabanon airson com-pàirteachadh airson a' chiad turas ann an 1977 agus 2005 air leth, ach dh'fhalbh an dà dhùthaich ron ciad-taisbeanadh fhèin a chionn 's nach robh cead aca an t-òran Iosraeleach fhàgail às a' chraoladh bheò.
Tha dùthchannan eile ann a ghabh pàirt ann am far-phrògraim oifigeil Eurovision, ach nach do ghabh pàirt anns a' phrìomh-fharpais fhèin:
Chan eil ach aon dùthaich Eòrpach ann, Cathair na Bhatacain, as urrainn dhi com-pàrtachadh ach nach eil fhathast air nochdadh, agus tha sia dùthchannan thairis air an Ear Mheadhanaich is Afraga a Tuath: Aildiria, an Èipheit, Iòrdain, Leabanon, Libia agus Tuinisia. Cha do ghabh an t-Seic-Slòbhac pàirt a-riamh nuair a b' e dùthaich a bh' innte. Cànain[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach ann ach anns a' Bheurla agus anns an Fhraingis 's a bheil Farpais Òran Eurovision fhèin air dol a taisbeanadh, bidh iomadh chànan (mar eisimpleir Eadailtis, Gearmailtis, Maltais agus Gàidhlig na h-Èireann) gam bruidhinn rè phàirtean dhen show, gu h-àraid nuair a bhios na diùraidhean nàiseanta a' toirt puingean. Cànain air an cluinneadh anns na h-òrain fhèin[deasaich | deasaich an tùs]Tha 90 cànan is dual-chainnt air a bhith air àrd-ùrlar Eurovision. Chan eil òran Gàidhlig air a taisbeanadh a-riamh; leis gu bheil Rìoghachd Aonaichte air òrain Bheurla a sheinn gu ruige seo, chan e ach 1956 agus 1958 (an dà bhliadhna far nach ghabh Rìoghachd Aonaichte pàirt) na h-eagran gun Bheurla sam bith. B' ann ann an 2022 nach robh òran Fraingis sam bith ann airson a' chiad turais.
Tha sia cànain ann a tha air a bhith ann an òrain ann am far-phrògraim oifigeil Eurovision, ach nach eil air a bhith anns a' phrìomh-fharpais fhèin:
Liosta cànan a-rèir an ciad nochdaidh[deasaich | deasaich an tùs]Bidh cànan a' cunntas ma nochdas e ann an òran neo as lugha rann sam bith, ach bidh na ciad chleachdaidhean goirid de chànan agus a' chiad chleachdadh de dhual-chainnt gan liostachadh cuideachd anns a' ghlas:
Connspaid[deasaich | deasaich an tùs]An Spàinn agus Francisco Franco[deasaich | deasaich an tùs]Bha deachdair faisisteach Francisco Franco os cionn na Spàinne nuair a ghabh i pàirt anns a' cho-fharpais airson a' chiad turais ann an 1961 gus an do bhàsaich e ann an 1975. Rè an ùine seo, bhuannaich an Spàinn dà uair, ann an 1968 agus 1969, agus thachair a' cho-fharpais fhèin ann am Madrid ann an 1969. Cha do ghabh an Ostair pàirt anns an eagran 1969; thuirt i gu h-oifigeil nach b' urrainn dhi an seinneadair ceart a lorg[28], ach às dèidh na farpaise dh'fhàs e na b' aithnichte gun robh ORF, an craoladair Ostaireach, airson boycott a dhèanamh oirre air sgàth ceannas Fhranco[2]. Canar gum b' e seo a' chiad chonnspaid phoileataigeach ann an eachdraidh na farpaise. Iosrael[deasaich | deasaich an tùs]Tha com-pàirteachadh Iosrael air a bhith a' crùthachadh comharspa o chionn gun do ghabh e pàirt sa cho-fharpais an toiseach ann an 1973, na lugha na bliadhna às dèidh murt Mhünchen. Bu chonnspaideach le stàitean Arabach, a chluicheadh sanasan-reic an àite taisbeantais Iosraelich, a' chiad bhuannachadh aige ann an 1978. B' ann ann an aon bhliadhna nach robh Iosrael ann, ann an 1980, a ghabh Marogo pàirt gu ruige seo. Tha air a bhith aig Aonadh Craoladh na h-Eòrpa ri gràcalais aghaidheachadh an aghaidh Iosrael air sgàth a sgrios-cinnidh ann an Raon Ghàsa agus sa Bhruach an Iar. Rinn iomadh bhuidheannan daonnachdach miadh air boycott a dhèanamh air eagran 2019 ann an Tel Aviv. Às dèidh gun do fhuair na com-pàirtichean Innis Tìleach, Hatari, na puingean aca bhon bhòt phoblach, theasban iad brataich Phalastaineach dhan inbhir bheò[29][30][31]. Ann an 2024, dh'aghaidhich ACE luchd-fianais a bha a' faireachd airson a' bhuidhinn-riochdachaidh Iosraelich a dhì-cheadachadh às a' cho-fharpais leis gun do dh'fheuch e ri òran mu dheidhinn ionnsaighean na 7mh dhen Dàmhair a sheinn[32][33], ach cha deach Iosrael a dhì-cheadachadh. Rè craoladh an Deireadh Mhòir, rinn na h-aithrisichean Iosraeleach aithrisean connspaideach agus oilbheumach dhan t-seinneadair Èireannach (Bambie Thug), Bhreatannach (Olly Alexander), Nirribheach (Gåte) is dhan bhuannaiche Eilbheiseach Nemo[34], a bha am measg iomadh sheinneadairean a bha air litir a soighneadh a' toirt taic dha Phalastainich[35]. B' ann an 4mh dhen Dùbhlachd 2025 a bhòtaich buill Aonadh Craoladh na h-Eòrpa airson riaghailtean ùra achdachadh airson nach b' fharasta do dhùthchannan brath-foill a dhèanamh air a' bhòt an diùraidh neo a' bhòt phoblach. Thachair a' bhòt seo an àite bhòt air com-pàirteachadh Iosrael a chion dìoclaidh-chogaidh. Air sgàth seo, ghairm an Spàinne, na Tìrean Ìsle, an t-Slòibhin, Èirinn, agus às an dèidh seo Innis Tìle gun dèan iad boycott air a' cho-fharpais gus an tèid Iosrael a toirt aiste[36][37]. Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
|
- Articles containing French language text
- Articles containing non-English language text
- Articles containing German language text
- Articles containing Danish language text
- Articles containing Spanish language text
- Articles containing Finnish language text
- Articles containing Irish language text
- Articles containing Greek language text
- Articles containing Latin language text
- Articles containing Arabic language text
- Articles containing Estonian language text
- Articles containing Hungarian language text
- Articles containing Czech language text
- CS1 Beurla-language sources (en)
- CS1 Eastoinis-language sources (et)
- CS1 Eadailtis-language sources (it)
- CS1 Pòlainnis-language sources (pl)
- CS1 Beurla Bhreatainn-language sources (en-gb)
- CS1 Suainis-language sources (sv)
- CS1 Romàinis-language sources (ro)
- Ceòl