Drochaid Sguideil

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Drochaid Sguidheil)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Drochaid Sguideil
Drochaid Sguideil-Geograph-1925359-by-Richard-Dorrell.jpg
Drochaid Sguideil
Suidheachadh
Drochaid Sguideil is located in Alba
Drochaid Sguideil
Drochaid Sguideil (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 34′ 0.01″
4° 25′ 59.99″
Comharradh-clèithe NH545555
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,661 (2011)
Àireamh fòn 01349
Còd-puist IV7

'S e baile beag air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Drochaid Sguideil (Beurla: Conon Bridge)[1]. Tha e suidhichte air an Eilean Dubh aig ceann an iar Linne Chrombaidh air bruach Abhainn Chonainn. Tha Baile Màiri air taobh eile na h-aibhne agus tha Inbhir Pheofharain mu dhà mhìle (3 km) tuath air a' bhaile. Ann an 2011 bha 1,661 duine a' fuireach ann an Drochaid Sguideil[2].

Chaidh drochaid rathaid thairis air Abhainn Chonainn a thogail ann an 1809[3] a bha air a dhealbh le Thomas Telford eadar 1806 is 1809[4]. Ged-tà, chaidh an drochaid seo a leigeil agus drochaid ùr a thogail ann an 1969[4]. Chaidh drochaid-rèile a thogail thairis air an abhainn cuideachd a chaidh fhosgladh 11 an t-Ògmhios 1862[5]. Tha e clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B[5].

Tha Stèisean Drochaid Sguideil ann an taobh a deas a' bhaile. Chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1960, ach chaidh e ath-fhosgladh a-rithist ann an 2013[6].

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Drochaid Sguideil/Conon Bridge”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Brinkhoff, Thomas: “City Population(Beurla). Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Conon Bridge(Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
  4. 4.0 4.1 Maryburgh, Conon Bridge(Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
  5. 5.0 5.1 CONONBRIDGE RAILWAY BRIDGE(Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
  6. Conon Bridge railway station to reopen in 2013(Beurla), BBC News. 19mh dhen t-Sultain 2012. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.