Deasbaireachd na teamplaid:Baile ann an Alba
Cuir ris cuspairùrachadh: wikidata pull & mapa Gàidhlig
[deasaich an tùs]rinn mi beagan còdaigeadh a-nochd is a-nise bidh AINM, AINM OIFIGEIL/DÙTHCHASACH agus - mur eil dàta air cur ann airson - COMHAIRLE, SIORRACHD, FARSAINGEACHD agus ÀIREAMH-SHLUAIGH uile stèidhichte air an duilleig Wikidata. Bu chòir bhon dràsta gun deasaicheadh daoine an duilleag Wikidata, air sgàth 's gun urrainn gach wikipedia de gach cànan seo a chleachdadh.
cuideachd, rinn mi lethbhreacadh dhen OSM/MapaSràideFosgailte bhon Bheurla is a-nise tha mapa interactive Gàidhlig air gach duilleag, stèidhichte air a' phuing air OSM. faodaidh seo atharrachadh air www.osm.org/edit. Bha seo air na duilleagan Gaeilge mu thràth agus smaoinich mi gum bu chòir gun robh e air na tè Gàidhlig cuideachd. JSeke (an deasbaireachd) 14:06, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Ged a tha mi fhìn fìor mheasail air mapaichean tha e nas fheàrr dealbh-chamara fhaicinn fon ainm. An gluais thu an dealbh air ais far an robh e san teamplaid? Ma bhios feum air open street map idir, bu chòir dha a bhith fo mhapa na h-Alba no aig fìor chois na teamplaid nam bheachd-sa. Ach tha geohack a leanas gu duilleag nam mapaichean air a' mhòr chuid dhe na duilleagan le baile neo àite eileco-dhiù.
- Tha rudeigin ceàrr le ainm a' bhaile, faic A' Mhanachainn agus Canaich me. Tha 2a loidhne falamh agus puing-stad ann a-nis nach bu chòir. An càraich thu sin? Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 16:02, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Tha mi a' càradh an astair sin a-nise. Chan eil mi ag aontachadh gum bu chòir dha a bhith fon mhapa eile - gu dearbh fhèin saoilidh mi nach eil an seann-mhapa feumail ma tha OSM ann. ach, tuigidh mi gum bu chòir dhan dealbh a bith aig an toiseach. JSeke (an deasbaireachd) 18:16, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Taing airson an dàrna loidhne a chàrachadh. Ach chan eil e math mur eil mapa na h-Alba ann on a tha e feumail anns an teamplaid agus tha adhbharan ann carson a chaidh a chur ann. Cuir air ais ris an teamplaid e. Chan e mi fhìn a rinn an teamplaid a tha seo ach rinn mi teamplaidean eile agus chaidh obair mhòr agus smuaintean annsan. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 18:00, 29 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Tha am mapa a bh' ann fhathast anns an teamplaid, fo OSM. cha do dh'atharraich mi e riamh... JSeke (an deasbaireachd) 20:22, 29 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Tha an teamplaid a' coimhead snasail agus tha coltas gun obraich na rudan fhèin-obrachail a chuir thu ann, 's math a rinn thu! Mòran taing!
- Gabh mo leisgeul, bha am mapa air falbh air cuid dhe na duilleagan an uair a thadhail mi orra, ach tha mi ga fhaicinn a-nis. Feumaidh mi coimhead air na duilleagan a bha sin, 's dòcha gu bheil "bug" eile ann, co-chomharran a dhìth m.e. Ma mhothaicheas mi nach eil co-chomharran air duilleag cuiridh mi ri wikidata iad.
- Nì mi fiughair ri teamplaid nan aibhnichean :) Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 09:47, 30 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Tapadh leibh gu mòr!
- chan ann a dh'aithghearr a bhios an teamplaid sin ann, feumaidh mi tuilleadh ionnsachaidh agus tuilleadh àm JSeke (an deasbaireachd) 20:57, 1 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)
- Tha am mapa a bh' ann fhathast anns an teamplaid, fo OSM. cha do dh'atharraich mi e riamh... JSeke (an deasbaireachd) 20:22, 29 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Taing airson an dàrna loidhne a chàrachadh. Ach chan eil e math mur eil mapa na h-Alba ann on a tha e feumail anns an teamplaid agus tha adhbharan ann carson a chaidh a chur ann. Cuir air ais ris an teamplaid e. Chan e mi fhìn a rinn an teamplaid a tha seo ach rinn mi teamplaidean eile agus chaidh obair mhòr agus smuaintean annsan. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 18:00, 29 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Tha mi a' càradh an astair sin a-nise. Chan eil mi ag aontachadh gum bu chòir dha a bhith fon mhapa eile - gu dearbh fhèin saoilidh mi nach eil an seann-mhapa feumail ma tha OSM ann. ach, tuigidh mi gum bu chòir dhan dealbh a bith aig an toiseach. JSeke (an deasbaireachd) 18:16, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
tuiseal ginideach agus demonym?
[deasaich an tùs]Dh'fhaodainn loidhnichean eile a chur a-steach airson na tuisealan (m.e. A' Chomraich/na Comraich) agus an t-ainm airson daoine às an àite (m.e. Peairteach no Glaschuthach). Am bi seo na atharrachadh math? JSeke (an deasbaireachd) 14:20, 12 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)
- Tha mi an dùil, nuair a tha an teamplaid a' coimhead deiseil, gun cuiridh mi i is gach puing dàta gu gach duilleag dàimheil a tha ann a-cheana. JSeke (an deasbaireachd) 14:22, 12 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)