Deasbaireachd na teamplaid:Abhainn
Cuir ris cuspairColtas
Latest comment: 12 latha air ais by JSeke in topic Taing
Taing
[deasaich an tùs]Cleachdaiche:JSeke Thug mi sùil air an teamplaid air duilleag Uisge Lìte agus tha e a' coimhead fìor mhath. Mòran taing airson na h-obrach a chuir thu a-steach! 'S toil leam gu h-àraid am mapa beag far am faicear cuairt na h-aibhne gu lèir.
Dh'fheuch mi ri a chur ri Abhainn Canaich ach cha robh mi comasach air a dhèanamh. An uair a dh'fheuch mi ri an teamplaid a chleachdadh bha coltas glè leathan air. Bha mi an amharas gun do rinn mi rudeigin ceàrr agus cha do dh’fhoillsich mi na h-atharraichidhean. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 19:39, 3 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)
- Ah! 's dòcha gun robh an duilgheadas air sgàth nach eil Wikidata is OSM ceangailte. Cha bu chòir gum bi rud eile ceàrr. dh'fhaodadh mi sin a càradh nuair a tha mi air ais lem laptop an ceann corra là JSeke (an deasbaireachd) 20:59, 5 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)