Deasbaireachd a' chleachdaiche:JSeke
Cuir ris cuspairAinmean-àite
[deasaich an tùs]JSeke chòir, fàilte dhan uicipeid. Tha e math daoine ùra fhaicinn an-seo ach feuch is bi caran faiceallach mus gluais thu duilleag. Tha e nas fheàrr ceist a chur an toiseach, fiù aig Doras na Coimhearsnachd ma tha thu am beachd duilleag a ghluasad a dh'fhaodadh a bhith connspaideach. Mar is trice, bidh feum air fianais air choireigin seach 'seo mo bheachd fhìn' :) Agus bhiodh e math nam b' urrainn dhut mìneachadh na tha thu a' dèanamh air teamplaidean nam mapaichean - tha e fìor-mhath gu bheil cuideigin ann a thuigeas a' voodoo ud, ach cuideachd, leis nach eil sinn eòlach air a chèile aig an ìre-sa, bhiodh e math mìneachadh air duilleag deasbad na teamplaid na tha a' tachairt. Akerbeltz (an deasbaireachd) 12:42, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Gabhaibh mo leisgeul, tha mi fhathast ùr ri Uicipeid - a' learning the ropes. Bha mi ag atharrachadh duilleagan le ainmean-àite neo-oifigeil is chunna mi nach robh Both Cheit mar a chanainn-sa e. Dè an ìre deasbaid a tha agam ri dhèanamh - airson gach gluais-duilleige, neo dìreach far nach eil tùs math a-cheana, agus dè mu airson tuilleadh shusbaint a chur ann?
- agus a thaobh an teamplaid, feuchaidh mi ri mìneachadh a chur ann bhon dràsta.
- taing dhuibh! JSeke (an deasbaireachd) 13:54, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Bidh e daonnan nas fheàrr fios a chur ro làimh ma tha thu airson duilleag a ghluasad, seo mo bheachd fhìn. Agus bidh ainmean-àite Gàidhlig daonnan connspaideach ;) Ma tha tùs ann airson an ainm a tha ann mar-thà, 's urrainn dhut an t-ainm eile a chur anns an teacsa (sa chiad pharagraf) agus an tùs air a shon a chur ris na h-iomraidhean.
- Mur eil tùs earbsach - Mac an Tàilleir no AÀA me - ann airson ainm-àite a tha na thiotal bhiodh e math sin a chur anns an deasbaireachd sa chiad dhol a-mach. Coltach ri cleachdaiche:Akerbeltz agus Cleachdaiche:CreagnamBathais tha ùidh shònraichte agam fhìn anns na h-ainmean-àite Gàidhlig agus tha mòran stuth-leughaidh saidheansail agam mun deidhinn. Ma tha thu amharasach mu ainm-àite a tha air Uicipeid agus mur eil tùs freagarrach agad fhèin, faodaidh tu teachdaireachd a chur thugam an seo Deasbaireachd a' chleachdaiche:Comhachag-bheag ("Cuir ris cuspair") agus bheir mi sùil air an stuth a th' agam.
- Ma tha thu math air teamplaidean, carson nach cruthaich thu teamplaid nach eil ann fhathast, me "Abhainn ann an Alba"? Bha mi a' smaointinn dìreach o chionn goirid gum biodh seo glè fheumail. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 16:44, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- tapadh leibh gu mòr, nì mi sin uile. Ach, saoilidh mi gun dèan mi fòcas air Wikidata airson àm beag, `s na h-ainmean-àite oifigeil a chur ri sin. Tha mi an dùil mòran a dhèanamh mu theamplaidean, m.e. tha teamplaidean airson na Comhairle aig corra àite agus airson an t-Siorrachda aig feadhainn eile JSeke (an deasbaireachd) 17:44, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
Bun-nòta
[deasaich an tùs]@Akerbeltz tha mi a' feuchainn ri Bun-nòtaichean a chur ri Uicipeid, mar a tha Template:efn ann an Beurla, ach feumaidh duilleagan MediaWiki: eile a chruthachadh: Template:Reflist/Transwiki_guide. Chan eil cead agam, am faodaidh sibh cuideachadh le seo?
Chleachd mi bun-nòta ann an clàr air duilleag a' Bhac, faodaidh sibh coimhead na tha ceàrr. JSeke (an deasbaireachd) 01:47, 23 dhen Ghearran 2026 (UTC)
- Hm saoilidh mi gum feum sinn taic o làn-rianaire, chan eil annam-sa ach leth-rianaire a rèir rangachd na h-Uicipeid. Faighnichidh mi dhe caraid air an Uici Bhasgach. Teamplaid:Ping Kaixo laguna! JSeke is a new editor and quite good with the cody side of things but he's trying to add/port a footnotes template (like Template:efn on the English Wiki) but it requires something with creating MediaWiki pages that's above my head. I'm not even sure if I have the necessary permissions. Do you know what needs done? Eskerrik asko! Akerbeltz (an deasbaireachd) 16:04, 23 dhen Ghearran 2026 (UTC)
- Kaixo! Sorry for writing in English. I don't know exactly what the problem is. Can you explain me what are you trying to copy, where, and what the problem or message is? Maybe I can help with that. Theklan (an deasbaireachd) 19:27, 23 dhen Ghearran 2026 (UTC)
- Hello! if you look in the template at the right of the page Am Bac, you'll see I've used a footnote but instead of just saying [a], it says [lower alpha 1]. This is because I copied the template from English's efn template but that relies on MediaWiki pages. The last 6 of the table here are all used by this footnote template but I don't have the authority to create these pages. JSeke (an deasbaireachd) 19:35, 23 dhen Ghearran 2026 (UTC)
- Kaixo! Sorry for writing in English. I don't know exactly what the problem is. Can you explain me what are you trying to copy, where, and what the problem or message is? Maybe I can help with that. Theklan (an deasbaireachd) 19:27, 23 dhen Ghearran 2026 (UTC)