Deasbaireachd a' chleachdaiche:John Howieson

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

John a charaid,

Fàilte air ais a Uicipeid! Tha e math gu bheil thu ag obair air seinneadairean. Bu toil leam d'aire a thoirt dhan Doras na coimhearsnachd far an robh deasbad againn o chionn greis a thaobh 'bun', 'aiste goirid' msaa. Cha deach poileasaidh a chur air bhonn agus bha seòrsa de dh'aonta aig a' choimhearsnachd gum biodh e math nan robh sinn a leudachadh 'bunaichean' gus am bi annta -

  • mu 5 seantansan
  • co-dhiù aon tùs no iomradh (m.e. Duilleag Tobar an Dualchais aig seinneadairean? m.e. Ceana Chaimbeul)
  • dealbh (ma tha fear ann - 's dòcha dealbh den àite-togail mur h-eil dealbh dhen duine fhèin againn m.e. Greepe?)
  • agus aon roinn-seòrsa (a tha aig na duilleagan agad mar tha).

Chan eil mi a' sgrìobhadh seo gus dragh a chur ort idir - bidh sinn uile ag obair air na duilleagan beag air bheag. Ach bha mi airson còmhradh a thòiseachadh air sgàth is gu bheil thu air ùr-tilleadh dhan Uici. Ma tha ceistean agad no cuideachadh a dhìth, nach cuir thu fios thugam no air Doras na Coimhearsnachd. Thisissusanbell (an deasbaireachd) 16:14, 8 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Taing, a Susan. Tha mi toilichte a bhith ag obair air an cuspair seo, agus an-dràsta chan eil mi ach a' briseadh sìos liosta meadhanach mòr, agus a' dèanamh toiseach air gach seinneadair. Tha mi an dùil ri bhith barrachd a chur ann an gach duileag às dèidh greiseig. Cùmaidh mi an comhairle agad nam inntinn, agus tha mi an dòchas gum bi seo math gu leòr. Leis gach deagh dhùrachd, Iain.--John Howieson (an deasbaireachd) 17:46, 10 dhen Ghearrain 2015 (UTC)