Jump to content

Deasbaireachd:Nuadh-treabh Fada

Page contents not supported in other languages.
Cuir ris cuspair
O Uicipeid
Latest comment: 27 latha air ais by Comhachag-bheag in topic Ainm-àite

Ainm-àite

[deasaich an tùs]

Hi a charaidean, Cleachdaiche:CreagNamBathais Cleachdaiche:Akerbeltz, tha mi a' faicinn gun deach an duilleag seo a ghluasad bhon ainm Bheurla gu ainm Gàidhlig. Ach mar a tha e anns na h-iomraidhean, chan eil e air AÀA. A-rèir nan tùsan a th' agam, 's e ainm Cuimris a th' ann: Church of the new hamlet. Cha do lorg mi ainm Gàidhlig ann an àite sam bith, ach anns an Fhaclair Bheag (mar a tha e anns na h-iomraidhean). Cò às a thàinig an t-ainm Gàidhlig? Nach biodh an t-ainm "oifigeil" na bu shoilleire? Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 14:03, 16 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)Reply

Tha riaghailteach ('nam bheachd-sa) ro theann aig AAA a thaobh cuid a dh'ainmean-àite, feumaidh mi aideachdh. Ma tha ainm a-muigh an-siud am badeigin, b' fheàrr leam an cruth Gàidhlig fiù mur eil e buileach ceart gu h-eachdraidheil no car amharasach. Tha na mapaichean Beurla loma-làn de mhearachdan, cha leig sinne a leas a bhith nas naoimhe na am Pàpa sinn fhìn, chanainn. Chan eil mi cinnteach cò às a thàinig an t-innteart san fhaclair, dh'fhaoidte gur e fear dhe na mapaichean Gàidhlig a tha mun cuairt. Akerbeltz (an deasbaireachd) 16:04, 16 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)Reply
Chan eil mi fhìn toilichte mur eil iomradh gu ìre earbsach ann, ach cha mhise a chruthaich an duilleag seo. 'S e "fada" a tha gam bhodraigeadh as motha, oir tha "nuadh-treabh" glè fhaisg air an dòigh Chuimris a-rèir Ross is Nicolaisen. Tha mi dìreach air lorg gu bheil "lann" ann an Gàidhlig na h-Alba cuideachd, tha e anns an Dwelly agus aig Armstrong: enclosure, house, repository, church. Bhiodh "lann (an) nuadh-treibh" glè fhaisg, ach fhad' s nach eil tùs ann cha bhiodh seo gu feum nas motha. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 18:31, 16 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)Reply