Deasbaireachd:Raon Ghàsa

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Deasbaireachd:Gàsa (dùthaich))

Chan e duthaich a tha ann an Gaza - am biodh Crios/Earran/Oirthir Gasa nas fhearr? Uill, se "duthaich" mar Duthaich Mhic Aoidh, ach chan e duthaich mar Alba neo Astrailia a tha ann.--Creachadair 19:40, 9 An Cèitean 2008 (UTC)

Tha fhios agam, agus cha robh mi toilichte idir le Gàsa (dùthaich). Chan eil mi cinnteach mu Crios/Earran/Oirthir Gasa, tha mòran ciall eile aig na facail. Ciamar a chanas mi "territory" sa Gàidhlig? Is dòcha gum biodh "Ranntair" [1] nas fheàrr?--Sionnach 21:24, 10 An Cèitean 2008 (UTC)
Uill, se "strip" a tha air sa Bheurla. Se sin, seorsa pios fhearainn cumhang ri taobh na mara. Is toil leam "roinn" gu pearsanta.--Creachadair 15:04, 11 An Cèitean 2008 (UTC)
Mar a sgrìobh mi anns an aiste, is fheàrr leam-sa "roinn" cuideachd. --Sionnach 21:30, 11 An Cèitean 2008 (UTC)
'S fheàrr leamsa "ranntair" mar a mhol Sionnach roimhe. 'S e a th' ann ach dà fhacal "rann-tìr". Tha "rann" coltach ri "roinn" a thaobh ciall. A bharrachd air sin, gheibhear "Ranntair Gunnaireachd Rìoghail" mar "Royal Artillery Range", agus nam bharail-sa, tha sin freagarrach do Ghàsa a chionn 's gur ann mar "ranntair gunnaireachd" a bhios Arm Iosrael ga chleachdadh.--Steaphan30 23:20, 11 An Cèitean 2008 (UTC)
Chaidh mi tro Wikipedia sna cananan eile, agus cho fad's a bheil fios a'm, tha iad uile a' cleachadh facal a tha mar "strip". Ach sa Ghaidhlig fhein, saoileam gu bheil "roinn" freagarrach. --Creachadair 16:16, 12 An Cèitean 2008 (UTC)
Tha "roinn" ceart gu leòr airson "territory", ach chan e sin buileach a th' ann an Gàsa, an e? Mar a thuirt thu tha cànanan eile a' cleachdadh faclan a tha nas coltaiche ri "strip" ann am Beurla. THa na faclan sin nan comharra air dè cho cumhaing is beag a tha Gàsa. Thug mi sùil air Wikipedia an Fhrangais, Iapanais agus Gaeilge a chionn 's gu bheil na cànanan sin agam gu ìre. Tha Frangais a' cleachdadh "bande", agus 's e "medical strip" no "strip of tissue" a gheibhear mar chiall air an fhacal cuideachd. Tha Iapanais a' cleachdadh 地区(chiku), a tha mar "roinn" no "raon"(strip of land).Tha Gaeilge a' cleachdadh "Sráice" a tha mar "strip" (of land), agus mar eisimpleir, gheibhear "sráice tuirlingthe" airson "raon-laighe" (landing strip). Mar sin, b' fheàirrte "Raon" a chur air, a chionn 's gu bheil e nas coltaiche ri "strip" mar "strip of land" ann am Beurla, no "bande de terre" ann am Frangais, no "sráice tuirlingthe" anns a' Ghaeilge. Bha mi beachdachadh air "stiall", ach cha chreid mi gun dèan sin a' chùis; bhiodh faireachdainn beagan neònach agam a bhith ga chleachdadh mar "stiall tìre" seach "stiall aodaich"! Mar sin, nach cuir sinn "raon" air?--Steaphan30 15:32, 13 An Cèitean 2008 (UTC)
Bhiodh "earrann" cuideachd na b' fhreagarraiche na "roinn" nam bharail-sa air sgàth cho beag is a tha Gàsa.--Steaphan30 15:52, 13 An Cèitean 2008 (UTC)

Hmm, cha do smaoinich mi air "raon" (m.e. raon-laighe -> landing-strip)[2]

  • A-nise: Dè mu dheidhinn Raon Ghàsa (-> Gàsa Strip) mar tiotal?
  • Agus anns a chiad rosgrann: 'S e earrann ann an Àisia a tha ann an Gàsa.....(area in Asia)...
  • An uair sin: 'S e pios fhearainn cumhang ri taobh na Mara Meadhan-Tìreach (...small piece of land...)

A bheil sin ceart gu leòr dhuibh?--Sionnach 18:12, 13 An Cèitean 2008 (UTC)

Tha mi-fhìn toilichte le sin, mura faigh sinn fios air facal eile. --Steaphan30 01:30, 14 An Cèitean 2008 (UTC)
Bhruidhinn mi ri Gàidheal, is thuirt e gur e sin a chanadh e fhèin ris. Raon Ghàsa. --Steaphan30 13:45, 14 An Cèitean 2008 (UTC)
Mòran taing. Tha mi an dòchas gu bheil an aiste ceart gu leòr a-nis. --Sionnach 20:22, 14 An Cèitean 2008 (UTC)


"chan e sin buileach a th' ann an Gàsa, an e?" - uill, chuala mi "Palestinian Territories" sa Bheurla (= Bruach an Iar + Gasa?)--Creachadair 16:14, 15 An Cèitean 2008 (UTC)
Faic Palastain --Sionnach 19:30, 15 An Cèitean 2008 (UTC)