Deasbaireachd:An Roinn Charaibeach

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Ainm[deasaich an tùs]

Shionnaich, saoil am biodh tu an aghaidh Muir nan Caraib agus cuideachd an dà alt a chur ri chèile? Tha Cairibìan a' briseadh uiread a riaghailtean na Gàidhlig? Cuideachd, chan eil diofar mòr eadar Caribbean agus The Caribbean Sea agus tha iomadh cànan ann nach eil 'gan dealachadh. Akerbeltz 10:59, 21 dhen Chèitean 2011 (UTC)

PS Bhithinn toilichte le Am Muir Caraibeach cuideachd. Ma tha sinn airson an dà dhuilleag a ghlèidheadh, dè mu dhèidhinn An Roinn Charaibeach? Akerbeltz 11:01, 21 dhen Chèitean 2011 (UTC)
B' fheàrr leam fhìn ma bhios dà aiste ann, tha Muir Cairibianach a' dèiligeadh leis a' mhuir mar phàirt dhen chuan agus an tè eile leis a' mhòr-roinn. Ach tha thu ceart, rinn mi sgrios air ainm na h-aiste, cha do lorg mi eadar-theangachadh sam bith mu "Caribbean" aig an àm ud. Bhithinn gu math toilichte le Am Muir Caraibeach airson na mara agus le An Roinn Charaibeach an àite "A' Chairibìan".--Sionnach 21:34, 21 dhen Chèitean 2011 (UTC)
Taghta! Tha mi duilich gu bheil mi thogail uiread a dheasbad mu ainmean nan alt :/ Tha mi dol tro na roinnean-seòrsa an-dràsta agus tha mi tighinn thairis air iomadh fear a b' fheairrde a chur air gleus. Akerbeltz 10:58, 22 dhen Chèitean 2011 (UTC)