Deasbaireachd:An Ceathramh Mòr

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Cho fad ’s a chì mi, chan eil e cinnteach có às ’s a thàinig an t-ainm “Kirriemuir”. Ach eadar “An Ceathramh Mòr” agus “Ceathramh Mhoire”, mholainn-se “Ceathramh Mhoire” mar phrìomh ainm, agus “An Ceathramh Mòr mar dàrna ainm (le ath-threòrachadh), oir

  • ’S e “Ceathramh Mhoire” a tha aig Ainmean-Àite na h-Alba.
  • ’S e “Cearran Mhoire” a tha aig Iain Mac an Tàilleir - a-rithist a’ gabhail ri “Mary’s quarter-land”.
  • “Kirriemuir (‘Mary’s quarter’)” a tha sa chuairt-litir seo de Comann Ainmean-Àite na h-Alba.
  • Tha “commemoration of Mary” sa tràchdas PhD seo aig Oilthigh Ghlaschu.

--Caoimhin (an deasbaireachd) 22:21, 15 dhen Ghearran 2021 (UTC)[reply]