Jump to content

Deasbaireachd:Achadh an Loch

Page contents not supported in other languages.
Cuir ris cuspair
O Uicipeid
Latest comment: 1 mhìos air ais by Akerbeltz in topic Achadh an Loch

Achadh an Loch

[deasaich an tùs]

ath-ainmnich mi an duilleag dhan litreachais Ainmean-Àite na h-Alba JSeke (an deasbaireachd) 13:51, 26 dhen Fhaoilleach 2026 (UTC)Reply

Tha ainm Achadh an Locha ceart gu leòr, cha robh adhbhar sam bith ann gus an duilleag a ghluasad. Dh'fheuch mi ris an duilleag a ghluasad air ais (le "neo-dhèan") ach chan obraich sin. An dèanadh tusa e @Akerbeltz? Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 06:17, 15 dhen Chèitean 2026 (UTC)Reply
Saoilidh mi gu bheil e cgl duilleagan a ghluasad ma tha diofar beag mar seo eadar an cruth aig AÀA agus an cruth a th' againne. Mar is trice, ma thrachras a leanas, tha mi deònach gu leòr na tha san Fhaclair Bheag a chur air gleus cuideachd. 'S fheàirrde dhuinn aonta air ainmean-àite, chan eil e gu cus feum ma tha diofar chruthan dhen aon àite a' dol. Ach mas e rud caran connspaideach a th' ann (can nam biodh cuideigin am beachd An Gearasdan a ghluasad no Tobar na Màthar gu Motherwell) gum biodh feum air deasbaid. Chan eil pròiseact fa leth againn airson ainmean-àite - chan eil mi cinnteach ciamar a shuidhicheamaid rud d' a leithid. Mur eil fios agaibhse, b' urrainn dhuinn an duilleag deasbaid aig Ainmean-Àite na h-Alba a chleachdadh air a leithid? Dìreach airson rudan a chumail modhail? Akerbeltz (an deasbaireachd) 09:57, 15 dhen Chèitean 2026 (UTC)Reply
Cuideachd, bhiodh e math rud eile seach 'mis-spelled title' a chleachdadh mar gheàrr-chunntas. Mar is trice, chan e mearachdan a th' ann ach dìreach còmhstri eadar diofar thionndaidhean. Dè mu dheidhinn 'Ga chur a rèir stiùireadh AÀA'? Akerbeltz (an deasbaireachd) 10:19, 15 dhen Chèitean 2026 (UTC)Reply
Tha mi a' dol leat a thaobh 'Ga chur a rèir stiùireadh AÀA'. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 10:40, 15 dhen Chèitean 2026 (UTC)Reply
Chruthaich mi a' UiciPròiseact seo, fàilte romhaibh! Uicipeid:Ainmean-àite Akerbeltz (an deasbaireachd) 16:15, 16 dhen Chèitean 2026 (UTC)Reply