Deasbaireachd:A' Mhearag
Cuir ris cuspairColtas
Latest comment: 4 mìosan air ais by JSeke in topic tùs
tùs
[deasaich an tùs]@Caoimhin halò a charaid, a bheil tùs agaibh airson an ainm seo? tha an duilleag Bheurla ag ràdh gur ann à "meurag" a thànaig an t-ainm, ach chan eil tùs aca-san co-dhiù. taing, JSeke (an deasbaireachd) 00:39, 29 dhen Mhàrt 2026 (UTC)
- Chan eil tùs agam – duillich – agus chan eil e cinnteach có às a thàinig ainm na beinne. Bha mise a’ smaoineachadh aig aon àm gun dàinig e bhon “Little Spear (of the Merrick)” a tha coltach ri meurag ‘little finger’, ach math dh’fhaoidte fiù’s gun dàinig e bhon t-Seann-Bheurla (ġe)mære-hyrġċ ‘boundary ridge’. Tha tòrr fiosrachaidh air t.d. 179-180 den leabhar “Galloway: The Lost Province of Gaelic Scotland”, Micheal Ansell et al. 2022. Ma ’s toigh leat na beachdan as ùire fhaighinn, dh’fhaodadh tu sgrìobhadh gu Micheal Ansell air Facebook. Caoimhin (an deasbaireachd) 18:23, 19 dhen Ghiblean 2026 (UTC)
- Aye, tha 'n leabhar sin agam, agus 's e A' Bheinn Mheurach a mhol Michael Ansell ann. Air a' mhapa le Roy Pedersen, ge-tà, 's e A' Mhearag a th' ann, agus 's dòcha gum b' e sin an tùs a chleachd sibh? Saoilidh gum b' fheàrr dhan tiotal an seo a bhith A' Bheinn Mheurach...? JSeke (an deasbaireachd) 11:52, 20 dhen Ghiblean 2026 (UTC)