Dùn Iubhair

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dùn Iùbhair)
Dùn Iubhair

Suidheachadh
Dùn Iubhair is located in Alba
Dùn Iubhair
Dùn Iubhair (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Siorrachd Àir a Deas
Co-chomharran 55° 23′ 06″ Tuath
04° 45′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 492 (1991)
Àireamh fòn 01292
Duilleag oifigeil Dùn Iùbhair aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air a' Mhagh Bhaoghail, ann an ceann deas na h-Alba a th’ ann an Dùn Iubhair (Beurla/Beurla Ghallta: Dunure).[1] Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 252m os cionn ìre na mara shuas air an leac,[2] air an àirde an ear-dheas Shiorrachd Àir a Deas (Siorrachd Àir ro 1975), eadar Allmhaigh agus Maideans, ri taobh màthair-uisge na Linne Chluaidh. Tha e 10km air falbh bho Inbhir Àir, 60km bho Ghlaschu, 58km bhon An t-Sròn Reamhar agus 116km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 492 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[4] agus 's e Beurla agus Beurla Ghallta a tha aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Dùn Iùbhair. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Fisherton[5] agus dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[6]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Dùn agus iùbhar neo ùr a th' ann ainm an àite seo.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast beò san sgìre gus an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. Cha do chaochail Mairead Nic Mhoirich, an neach mu dheireadh a fhuair a' Ghàidhlig on ghlùn sa sgìre seo, ach ann an 1760.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh caisteal a thogail an seo shuas air an dùn leis an teaghlach Ceannadach anns an 13mh Linn Dh'fhàs iad gu math beairteach agus cumhachdail: phòs tè dhuibh aig Raibeart III, Rìgh Alba agus bha fear dhaibh na easbaig ann an Raibeart III, Rìgh Alba.[9] Chumadh coinneamhan cudromach an seo ann an 1429 eadar Seumas Caimbeul agus Iain Mòr MacDhòmhnaill, far a chaidh an Dòmhnallach a mharbhadh, tachartas a dh'adhbhraich ar-a-mach.[10] Chuir Màiri I, Ban-rìgh na h-Alba seachad trì oidhcheannan sa chaisteal an seo eadar 4 an Lùnastal agus 6 an Lùnastal 1563[11] nuair a rinn i an treas turas aice dhan àirde an iar-dheas na h-Alba. Bha an caisteal fhèin na thobhta ann an 1694 ach lean am baile air mar port iasgaich.[12] Chaidh cidhe ùr ceàrnagach a thogail ann an 1811 airson piseag a thoirt air gnothach an èisg. B' e an t-Iarla Cassillis a phàigh £50,000 airson na h-obrach air a' chidhe, a tha 3.7m a dhoimhne.[13] Bha mu 30 duine an sàs anns na bàtaichean gu ruige na 60an. Chan eil gin duibh ag obair an latha an-diugh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dunure/Dùn Iubhair”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2018.
  2. Falling Rain
  3. Luftlinie
  4. Scottish Places
  5. Fisherton Primary
  6. Carrick Academy
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Lorimer, W.L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", in Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), pp. 114–36
  9. Undiscovered Scotland
  10. TurasgTeamplaid:Fix/category[dead link]
  11. Marie Stuart SocietyTeamplaid:Fix/category[dead link]
  12. Canmore
  13. Harvey, William. Picturesque Ayrshire. Dundee : Valentine and Sons. p. 30.