Cucunubá

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Cucunubá
Flag of Cucunubá (Cundinamarca).svg Escudo de Cucunubá.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Cundinamarca - Cucunubá.svg
Sealladh air a' bhaile
Cucunuba-Cundinamarca (Colombia).jpg
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Flag of Cundinamarca.svg Cundinamarca
Sgìre Gleann Ubaté
Àirde 2590m
Co-chomharran 05' 15' 11' Tuath
73° 53' 51' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 112 km²
Àireamh-shluaigh 7,013 (2005)
Dlùths 62.62/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Cucunubá. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 2,590m os cionn ìre na mara agus 88km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann an Cucunubá, agus tha teodhachd mu 14.6˚ thar cheann aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  dìreach 1,156 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 8,056, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cucunubá, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 0.5% Tùsanaich. 'S urrainn dhan 92% dhe na daoine ann an Cucunubá leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 5.5% dhe na dachannan.[6]  

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Cucunubá. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Jorge Eliecer Gaitán (1903 - 1948): Tagraiche do Cheannas na dùthcha a chaidh a mharbhadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Climate Data
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Cucunubá