Comann Film na Gàidhealtachd 's nan Eilean

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Bhiodh Comann Film na Gàidhealtachd 's nan Eilean [1946-1971] a’ toirt fhilmichean timcheall na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ann an bhana agus gan taisbeanadh ann an tallaichean beaga. Chaidh a stéidheachadh às dèidh an dàrna cogaidh ann an 1946; thàinig e gu ceann ann an 1971 ri linn telebhisean a bhith a’ fàs nas bitheanta, a dh’fhàg gu robh àireamh an luchd-amhairc air crìonadh. Do mhóran dhaoine ann an sgìrean dùthchail b’e na h-oidhcheanan a chaidh a chur air dòigh leis a’ chomann a’ chiad chothrom a bh’aca air film fhaicinn. Bha e a’ faighinn taic ionmhais phoblaich agus bhiodh filmichean leithid Laurel and Hardy, Whisky Galore, James Bond aca, a thuilleadh air aithrisean naidheachd.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

BBC Naidheachdan 2018-11-07: Fir an Taigh-dhealbh Bhig gan comharrachadh