Coinneach

O Uicipeid
Coinneach mac Ailpein, rìgh na Dail Riata

'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Coinneach. [1] [2] [3] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Chaidh e a-steach don Bheurla mar Kenneth [4]. Ach feumar a bhith faiceallach leis an ainm seo, air sgàth 's gun deach an t-ainm "Cinaed" a steach don Bheurla mar Kenneth cuideachd. [4]

Bunachas[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm Gàidhlig tradaiseanta a th' ann an Coinneach a tha gu math cumanta air a' Ghàidhealtachd [5] Is dòcha gu bheil e a’ ciallachadh "duine bàn, eireachdail". [5] Nochd an t-ainm seo ann an Leabhar Dhèir anns an 12mh linn mar "Cainnech mac Meic Dobarcon", "Comgell mac Caennaig, taesec Clande Canan", agus "Gartnait mac Cannech". [6]

Cruthan eile[deasaich | deasaich an tùs]

Nochdaidh an t-ainm seo mar Cainneach [7][8] no Cainnech[4] cuideachd.

Thèid Coinneach a chleachdadh mar ainm sloinnidh cuideachd: Mac Coinnich no MacKenzie anns a' Bheurla [5]

'S e Céineag am meanbh-ainm a th' ann, nochdaidh e ann am Beurla mar "Kenny" [7]. Chithear cruth eile den ainm Kenny ann an Ros an Iar mar Cadhan. [7]

Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Coinneach"[deasaich | deasaich an tùs]

gu eachdraidheil[deasaich | deasaich an tùs]

san latha an-diugh[deasaich | deasaich an tùs]

mar Kenneth[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.144
  2. MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
  3. Dwelly, Edward, (1994 [1901-11]) The Illustrated Gaelic-English Dictionary Glasgow: Gairm, dd.1103-1030.
  4. 4.0 4.1 4.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.191; ISBN 0-19-860764-4
  5. 5.0 5.1 5.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.68; ISBN 0-19-860764-4
  6. Sharon L. Krossa: Scottish Gaelic Given Names: For Men: Cainneach
  7. 7.0 7.1 7.2 Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.13
  8. Akerbeltz:: “Ainmean”. Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.