Cogadh Chaco
Cogadh Chaco | |||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Saighdearan Paraguaidheach | |||||||||||||
| |||||||||||||
Luchd-cogaidh | |||||||||||||
Boilibhia | Paraguaidh | ||||||||||||
Cinn-fheachda | |||||||||||||
Daniel Salamanca Urey, Seanailear Hans Kundt, Seanailear Enrique Peñaranda | Eusebio Alaya, Marasgall José Félix Estigarribia | ||||||||||||
Neart | |||||||||||||
250,000 | 150,000 | ||||||||||||
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall | |||||||||||||
57,000 | 43,000 |
‘S e an Cogadh na bu motha agus na b’ fhuiltiche a thachairt ann an Aimearaga a Deas anns an 20mh linn a bh' ann Cogadh Chaco (Spàinntis: La Guerra del Chaco, Guaranaidh: Cháko Ñorairõ). Mhair e bhon An t-Sultain 1932, nuair a thug Boilibhia ionnsaigh air Paraguaidh, gu ruige An t-Ògmhios 1935. Shabaid na dùthchannan sin an dà thaobh airson na crìochan aca a rèiteachadh agus airson peatrail. [1]
'S e àite uabhasach iomallach tioram tartmhor a th’ ann an Chaco (Quechua: Chaku) is tha an t-ainm a’ ciallachadh àite na sealgaireachd. Tha e suidhichte eadar Boilibhia, Paraguaidh, An Argantain agus Braisil. Cha do dhearbhadh na crìochan aige aig àm nan Spàinnteach leis cho mòr ‘s a tha e agus leis nach eil mòran dhaoine a’ fuireach an sin, is cha chuireadh sin dragh air na dùthchannan sin idir. [2] Cha robh an Chaco idir cudromach ron 19mh linn. Ann an 1879 chaidh Boilibhia a chuid chosta, is le sin bha e gu math cudromach gum faigheadh iad oirthir airson malairt, gu h-àraidh air an abhainn Plata. [3] Bha an Chaco agus Paraguaidh eatorra agus a Mhuir. Chaill na Paraguaidhich leth-chuid dhen fhearainn aige an dèidh Cogadh a' Chaidreachais Thrìbilte (Spàinntis: La Guerra de la triple Alianza) 1864 - 1870) is le sin cha robh iad idir deònach airson rud sam bith a chall a-rithist. [4]
A bharrachd air sin, bha an companaidh ola Standard Oil dhen bheachd gum biodh peatrail fo thalamh ann an Chaco, is iad a’ toirt peatrail bhon thaobh Bhoilibhianach mar thà co-dhiù.[5] Mar dheireadh thall, cha robh fiù ’s braon pheatrail anns an sgìre idir. Nuair an tug Boilibhia ionnsaigh air feachd na Paraguaidh anns an Chaco bha uachdarain ann am Paraguaidh an duil gun dìonadh riaghaltas na dùthcha aca an cuid oighreachdan ann an Chaco. [6]
Aig deireadh an latha chaidh mu 60,000 Boilibhianaich agus 30,00 Paraguadheanaich a mharbhadh neo a leòn. Chum Paraguaidh an cuid fhearainn, ged do ghairm an dà thìr gun do chuir iad ruaig air an dùthaich eile, leis gu robh an dòigh obrach agus an togradh aca na b’fhèarr,[7] ged an robh stuth na b’ fheàrr, feachdan na bu mhotha agus oifigearan bho thall thairis aig Boilibhia. [8] Cha robh fios aca air an dùthaich. Bhrist an cogadh sin an eaconomaidh agus co-chomann an dà nàiseanta a bha gu math bochd mar thà, gu seachd àraidh ri linn staing an eaconamaidh anns na 30an. B’ fheudar do Pharaguaidh na a reic dhan Spàinn aig toiseach tòiseachaidh cogadh sìobhalta na Spàinne. Chaidh Alfredo Stroessner, am biodh na Dheachdaire mu dheireadh thall, suas anns na rangan fad a’ chogaidh sin. [9] Sgrìobh an t-ùghdar Augusto Roa Bastos mòran mu dheidhinn a’ chogaidh sin anns an leabhar aige Mac an Duine (Spàinntis: Hijo de Hombre), is e na nurs ri linne a’ chogaidh. [10]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Country Studies
- ↑ Responsibilité de la Guerre du Chaco
- ↑ Responsibilité de la Guerre du Chaco
- ↑ Country Studies
- ↑ La Rouche
- ↑ La Rouche
- ↑ Berclo
- ↑ Payer
- ↑ Country Studies
- ↑ The Guardian