Cobhair:Video

O Uicipeid

Gabhaidh videothan a luchdadh suas gu Wikimedia Commons ach an cleachd sinn an-seo iad. Seo mar a chruthaicheas tu video le prògraman saora.

Cudromach: Coltach ri susbaint sam bith eile air an Uicipeid, chan fhaod thu video a chleachdadh ach ma tha e ri fhaighinn fo cheadachas saor agus ma tha e chum cleachdadh air duilleag Wikimedia Commons mar a tha an uicipeid seo.

Clàradh[deasaich | deasaich an tùs]

Ma tha thu airson na thachras air a' choimpiutair a chlàradh, mholamaid OBS Studio. Gabhaidh a shuidheachadh gus nach clàraich e ach aon uinneag agus is urrainn dhut taghadh an dèid an fhuaim a chlàradh leis gus nach dèid.

Deasachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Stiùireadh air mar a nì thu deasachadh is às-phortadh video le Shotcut.

Gus video a ghearradh no iomadh video a chur ri chèile, mholamaid Shotcut. Foghnaidh am prògram ud gus gearradh video simplidh a dhèanamh gu math furasta agus cha bhi e trom air goireasan an t-siostaim. Nuair a bhios tu deiseil leis an deasachadh, tagh am putan "Export". Gheibh thu liosta mhòr dhe fhòrmatan - tagh "WebM" innte ach nach bi feum agad air barrachd iompachaidh. Nuair a bhios an t-às-phortadh deiseil, lean ri ceum 4 gus a' video agad a dhearbhadh mus luchdaich thu suas e. [Nota an deasaiche: Cha robh a' Windows Media Player agam rèidh leis na chruthaich OBS Studio dhomh, ach tha mi cinnteach gun gabh a' video iompachadh le VLC gu fòrmat a ghabhas e ris - dha robh ùine agam gus seo fheuchainn co-dhiù.]

Iompachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Seo stiùireadh air mar a dh'iompaicheas tu faidhle video dhan fhòrmat a dh'fheumas Wikimedia Commons.

Mur eil thu air a' video a dheasachadh le Shotcut, feumaidh tu fhathast a chur gu fòrmat as urrainn dha Wikimedia Commons a cleachdadh. Gus am video iompachadh gu fòrmat a bhios freagarrach dha Wikimedia Commons, mholamaid VLC. Tha stiùireadh air na fòrmatan a ghabhar ris air duilleag "Converting video" a' Wikimedia Commons. Tha iad gu math teann ach am bi fòrmat a' video a cheart cho saor agus a tha an t-susbaint ann. Gheibh thu stiùireadh air iompachadh le VLC air duilleag OGG Theora Cookbook.

Dearbhadh[deasaich | deasaich an tùs]

Coimhead air a' video air fad feuch a bheil a h-uile rud mar bu chòir.

Luchdadh suas[deasaich | deasaich an tùs]

Toiseach air luchdadh suas video air Wikimedia Commons

Nuair a bhios a' video deiseil, luchdaich suas e. Tha roghainn agad seo a dhèanamh sa mhodh deasachaidh an-seo no air làrach-lìn Wikimedia Commons. Gus a luchdadh suas an-seo, sa mhodh "Deasaich", brùth air a' phutan "Cuir a-steach", tagh "Meadhanan" is lean ris an stiùireadh. Gus a luchdadh suas gu Wikimedia Commons, cleachd Wikipedia:File Upload Wizard. Fo "Uploading media files", sa cholbh "Commons", briog air a' cheangal "Commons Wizard" agus lean ris an stiùireadh ceum air cheum. Gheibh thu còd aig an deireadh as urrainn dhut cur ris an duilleag agad.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]