Clough Williams-Ellis
| Clough Williams-Ellis | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Ainm slàn | Bertram Clough Williams-Ellis |
| Breith |
Gayton (mul) |
| Dùthaich |
|
| Bàs |
Plas Brondanw (en) |
| Teaghlach | |
| Athair | John Clough Williams-Ellis |
| Màthair | Ellen Mabel Greaves |
| Cèile |
Amabel Williams-Ellis (en) |
| Clann |
liosta
|
| Sinnsirean |
liosta
|
| Foghlam | |
| Foghlam |
Oundle School (en) Colaiste na Trianaide |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | ailtire agus oifigear |
| Àitichean-obrach | Cambridge |
| Duaisean a fhuaras | |
| Seirbheis san arm | |
| Meur an airm | Arm Bhreatainn |
| Strì | An Cogadh Mòr |
'S e ailtire a bha ann an Sir Bertram Clough Williams-Ellis, (28 an Cèitean 1883–9 an Giblean 1978).
Rugadh Clough Williams-Ellis ann an Gayton, Northamptonshire, Sasainn, ach bha ceanglaichean làidir aig an teaghlach aige ris a' Chuimrigh. Mar sin gluais iad air ais don Chuimrigh a Tuath nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Chaidh a theagasg aig Oundle School, Colaiste na Trianaide, Oilthigh Chambridge is gu cliobhar ann an Lunnainn. Fhuair e mar dhìleab oighreachd ann am Meirionydd ann an 1908.
Dh'fhàs e ainmeil air sgàth a' bhaile Portmeirion a thòisich e ann an 1925 is a tha suidhichte ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Chruthaich e am baile ann an stoidhle Eadailteach agus nochd Portmeirion mar "The Village" anns na 1960an air a' phrògram Tbh "The Prisoner". An-diugh 's e aon de na h-àitichean as cudromaiche a th' ann airson roinn turasachd na Cuimrigh. Bha e am measg nan stèidheadair Council for the Protection of Rural England ann an 1926 is Council for the Protection of Rural Wales ann an 1928 is dh'iomairt e airson nam Pàirc Nàiseanta ann an Sasainn is Cuimrigh.[1]

Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Visit - Clough Williams-Ellis”. Portmeirion Village. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2018.