Jump to content

Caol Reatha

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°13′N 5°40′W / 57.22°N 5.67°W / 57.22; -5.67

Caol Reatha
An t-aiseag Gleann Eilge - Caol Reatha
Suidheachadh
Suidheachadh
Caol Reatha
Suidheachadh Caol Reatha ann an Alba

ʼS e baile an taobh an ear an Eilein Sgitheanaich a tha ann an Caol Reatha (Beurla Kylerhea).

Tha an t-ainm Caol Reatha a’ ciallachadh cuideachd, bho thùs, an caolas a tha an seo eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr mór na h-Albann. Chan eil ach mu 400m de leud anns a’ chaolas seo, agus b’ ann an seo a bhathar aʼ cur crodh aʼ snàmh a-null tarsainn dhan tìr mór nuair a bhite aʼ dròbhadh cruidh san 19mh Linn agus roimhe. Tha sruth gu math math làidir an seo nuair a bhios a’ mhuir a’ lìonadh no a’ traoghadh. Gu dearbha, ’s e sin a tha an “reatha” san ainm a’ ciallachadh. Leis a sin, b’ fheudar dhaibh snàmh fhad ’s a bha an sruthadh lag eadar àm traghaidh agus àm lìonaidh. Thòisich aiseag chàraichean an seo ann an 1934 [1], agus tha seirbheis fhathast aʼ ruith as t-samhradh a dhʼaindeoin ʼs gu bheil ceangal drochaid a-nis eadar an t-Eilean Sgitheanach agus an tìr mór.

Tha tèarmann dobhran ann an Caol Reatha.[2] Tha bothan falaich os cionn a’ chaolais far am bi an luchd-turais agus na dìoghrasaich a’ dol a choimhead (le duilgheas) nam biastan-dubha, agus (gu furasta) nan ròn glasa is nan ròn cumanta. Ri beagan bhliadhnaichean a-nuas chithear iolairean mara a’ sealg sa chaolas cuideachd.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Original Glenelg-Skye Ferry (Beurla)
  2. Kylerhea Otter Haven (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]