Còmhdhail
'S e siubhal bho àite gu àite eile a tha ann an còmhdhail no giùlan.
Modhan giùlain
[deasaich | deasaich an tùs]Tha caochladh mhodhan-giùlain ann, air an roinn a rèir na dòigh air am bi iad a' siubhal agus a rèir nan uidheaman a bhios a' giùlan na trabhaig fhèin. Tha modhan-giùlain eadar-dhealaichte freagarrach air trabhaig eadar-dhealaichte. Mar riaghailt choitcheann, bidh na modhan-giùlain as luaithe nas cosgaile - an airgead agus an cumhachd.
Tha na prìomh roinnean a rèir a' mheadhain
Giùlan air tìr
[deasaich | deasaich an tùs]Cleachdar caochladh mhodhan-siubhail air tìr, nam measg rathaidean-iarainn, carbadan-ola(nach eil gu mòran feum gun rathad dubh, le bàrr tearra) agus canalan.
Giùlain tron adhar
[deasaich | deasaich an tùs]Cleachdar itealain agus heileacoptairean.
Ann an Alba tha siubhal itealain gu math cudthromach do na h-eileanan. Anns a' chiad dol a-mach, leasachadh seirbhisean itealain gu na h-eileanan le Loganair anns na 1960an
Giùlan air uisge
[deasaich | deasaich an tùs]Is urrainn do ghiùlan thar uisge a bhith na mhodh-siubhail cho saor 's a th' ann a thaobh cumhachd. O chionn 's gu bheil suathadh eadar cochall na luinge agus an t-uisge a rèir astar an t-siubhail, cha mhòr nach eil suathadh idir ann aig long a bhios na siubhal gu mall.
Anns an fharsaingeachd is e siubhal-adhair as cosgaile an cumhachd, ged as e am modh-siubhail as luaithe.
Dòighean siubhail
[deasaich | deasaich an tùs]- Carbad no Càr
- Trèana
- Rathad-iarainn
- Itealan (pleana)
- Bàta-aiseag
- Rocaid
- Rothar
Stèiseanan rèile
[deasaich | deasaich an tùs]Air na rathaidean-iarainn bho Sràid na Banrigh ann an Glaschu gu tuath, bidh soidhnichean a' nochdadh gu dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla.