Benidorm

O Uicipeid
Benidorm
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich València
An Spàinn
Ceàrn Marina Baixa
Sgìre Alacant
Co-chomharran 38° 32′ 03″ Tuath
00° 07′ 53″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 38.51 km²
Àireamh-shluaigh 69,010 (2014)
Dlùths 1,792/km²
Àireamh fòn 96
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile agus port ann an Co-chomann València (An Spàinn) a th' ann am Benidorm (IPA: beniˈðɔɾm). Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Marina Baixa (Alacant). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1325.[1] 'S e Bhaileancianais a tha ga bruidhinn an seo. B' e baile beag-iasgaich a bh' ann am Benidrom gu ruige na 60an ach 's e turasachd-tràighe a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol an latha an-diugh, air sàilleabh nach eil port-adhair València ach 46km air falbh.[2] Tha 69,010 duine a' fuireach ann.[3]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à Beni Darhim (Mic Darhim ann an Arabais) a tha ainm a' bhaile.[4] Bha an sgìre seo air fad fo bhuaidh nan Arabach fad còrr is còig ceud bliadhna.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a bha daoine a' fuireach ann fad mìltean de bhliadhna ro làimh - gu seachd-àraidh nuair a bha na h-Arabaich ann - cha b' ann ach ann an 1325, nuair a thogadh caisteal air a' chnoc, a thoisich eachdraidh sgrìobhte Bhenidorm. Fad na meadhan aoisean dheàdhadh am baile bho uachdaran gu uachdaran, a rèir cò bha a bu chumhachdaile. Chaidh Còrdadh[5] a dhèanamh an seo ann an 1956 eadar Alberto Lleras Camargo (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia) agus Laureano Gómez Castro (Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a bha na cheum mòr air adhart gu ruige sìthe ann an Coloimbia.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cronologìa Histórica
  2. Distancias entre Ciudades
  3. Diputació d' Alacant
  4. The Guardian
  5. El Espectador
  6. Le Cannet