Jump to content

Baile MhicIllFhaolain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Balmaclellan)
Baile Mac Gille Fhaolain

Map
Baile MhicIllFhaolain is located in Alba
Baile MhicIllFhaolain
Baile MhicIllFhaolain (Alba)
55°5′18″N 4°6′46″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Chille Chùithbeirt
Paraiste Baile MhicIllFhaolain
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 140 (2011)
Àireamh fòn 01644

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Baile MhicIllFhaolain[1] (Beurla: Balmaclellan). Tha e suidhichte aig 85m os cionn ìre na mara, ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Gall-Ghàidhealaibh Nuadh agus Clachan Eòin, ri taobh an Uillt Aquavitae.[2] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phrìs, 85km bho Glaschu, 62km bhon An t-Sròn Reamhar agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha dìreach 140 duine a' fuireach anns a' bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile MhicIllFhaolain. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e cinnteach gur ann à baile, mac, gille agus faolan anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chùithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[5] Tha cuid dhen bheachd gu robh an cànan fhathast beò ro 1700.[6]

Tha e comasach gun robh an ainm Cuimris Treuercarcou air Baile MhicIllFhaolain san 13mh linn.[7] Thathar air ball-ceàirde Ceilteach neo dhà a lorg san sgìre agus chleachdadh an t-seann ainm aig ìre oifigeil gu ruige an 13mh Linne agus thogadh daingneach Ghàidhealach san 12mh Linn a thug ainm dhan bhaile. Chruthaich Uilleam MacIllFhaolain Caisteal Barscobe an seo ann an 1648,[8] fear dhe na taigh-tùir mu dheireadh a chuireadh air dòigh ann an Alba. Ri linn an Ath-Leasachaidh bha an t-suidheachadh gu math connspaideach agus bha mòr-chuid Pròstanach sa bhaile, a dh'aindeoin na dhèanadh an riaghaltas nan aghaidh. Tha beul-aithris a' cumail a' dol gun do rugadh bana-bhuidseach an seo, tè air an robh Eilispidh NicEòghain, a chuireadh gu bàs ann an Cille Chùithbeirt ann an 1698[9] agus gun do thìodhlacadh i taobh a-muigh na cille an seo.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ “Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
  2. ↑ Kirkcudbright
  3. ↑ Google Earth
  4. ↑ The Glenkens
  5. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  6. ↑ Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  7. ↑ “Balmaclellan, Parish”. Saints in Scottish Place-Names, Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
  8. ↑ Barscobe Castle
  9. ↑ A' Chomhairle