Jump to content

Achadh Muthaich

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Auchmithie)
Achadh Muthaich
Ainm Beurla: Auchmithie

Map
56°35′22″N 2°31′22″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Aonghas
Siorrachd Aonghas
Paraiste Obar Bhrothaig is Cill Fhèichin
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Aonghas a Deas
Sgìre Phàrlamaid na RA Obar Bhrothaig agus Port Bhruachaidh
Ainm
Roimhearach ann an Achadh Muthaich
Ginideach muinntir Achadh Muthaich
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 183
Còd-puist DD11 5

Tha Achadh Muthaich[1] na bhaile beag iasgaich ann an Aonghas, Alba, trì mìltean an ear-thuath air baile Obar Bhrothaig. Tha e na shuidhe air mullach creige de chlachan-gainmhich Deabhonach mu 120 troigh os cionn geodha is cladach moil.

Faodar dèanamh a-mach gu bheil an dàrna eileamaid den ainm aige, 'muthach', a' buntainn do na faclan buachaill, buaghair is bùthair (Gàidhlig Arainn) a tha uile a' freumhachadh ann am "bó". Is e seann-ainm air buachaill a' chruidh a th' ann am 'muthach'.

Ged as e Obar Bhrothaig a tha an-diugh aithnichte airson nan adagan smocte aige, chaidh na h-adagan a rèisgeadh o thùs le iasgairean Achadh Muthaich, gus an do dh'imrich na teaghlaichean iasgaich air fad a dh'Obar Bhrothaig le cuireadh o bhàillidhean a' bhaile sin agus gealltanas gum faigheadh iad fearann is caladh a' bhaile dhaibh fhèin.

Ainmean is Sloinnidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Thug muinntir Achadh Muthaich leotha an cainnt is cleachdaidhean don choimhearsnachd timcheall caladh Obar Bhrothaig ris an canar Fit o' the Toun. Ri linn a' chleachdaidh frith-ainm a thoirt air daoine air an robh ainm ceudna, gheibhear sloinnidhean an-diugh leithid Spink (a' ciallachadh 'sùrdail, lùthmhor') is Swankie (on fhacal 'swank') a bhite ag ràdh ri neach air an robh an fhearas-mhòr.

Bhiodh còmhlain bainnse à Achadh Muthaich a' coiseachd on bhaile gu ruige Cill Fheichin le fìdhlear air an ceann. Bhite a' gabhail drama is a' dannsadh le sogan orra fad an slighe chun na h-eaglaise.

  1. Fred Swankie (gd). Tobar an Dualchais. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2026. “Baile/Àite - Achadh Muthaich”