Jump to content

Achadh na Meilge

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Auchenmalg)
Achadh na Meilge
Ainm Beurla: Auchenmalg

Map
54°49′57″N 4°45′3″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Paraiste Seann Lus[1]
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar
Sgìre Phàrlamaid na RA Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Ainm
Roimhearach ann an Achadh na Meilge
Ginideach muinntir Achadh na Meilge
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Achadh na Meilge[3] (Beurla/Beurla Ghallta: Auchenmalg). Tha e suidhichte eadar ìre na mara,[4] shìos air a' chladaich agus 28m shuas air a' bheinn, air beulaibh Bàgh Ghlinne Luis, air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Am Magh Crom agus Clachan Ghlinn Lus. Tha e 306km air falbh bho Obar Dheathain, 119km bho Ghlaschu, 78km bho Dhùn Phrìs agus 159km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Achadh na Meilge. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Clachan Ghlinn Lus[6] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[7] Tha baile ainmeil air feadh na na h-Alba air sàilleabh gu bheil an dàrna taigh-seinnse nas aosda ann an Alba an seo.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à achadh agus mealg san tuiseal ginideach anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]

'S e na tursachan ro-eachdraidheil a tha faisg air an drochaid an rud as aosda sa bhaile.[10] Dheidheadh rathad Ròmanach tron sgìre agus bha campa Ròmanach san dearbh àite far a bheil Achadh na Meilge an latha an-diugh cuideachd.[11] Thogadh sgoil ann an 1858 ach dhùineadh ann an 1961 i.[12] Tha i na taigh-òsta a-nis.

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Achadh na Meilge, a ghabhas a-steach Dùn Reichit, Barblae agus Clachan Ghlinn Lus cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla a' Bhaile, ann an Clachan Ghlinn Lus. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[14]

'S e an A747 Clachan Ghlinn Lus gu Glasserton a' phrìomh rathad tron bhaile. Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[15]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Plana Gàidhlig Chomhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 2022-2027 (gd), td. 6. Air a thogail 28mh dhen Fhaoilleach 2026.
  4. Elevation Map
  5. Distance from to
  6. A' Chomhairle
  7. Stranraer Academy
  8. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. CANMORE
  11. Archiuk
  12. British Listed Buildings
  13. A' Chomhairle
  14. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  15. Còmhdhail na Comhairle