Jump to content

Andorra ann am Farpais Òran Eurovision

O Uicipeid
Andorra ann am
Farpais Òran Eurovision
Farpais Òran Eurovision
 
 
Craoladair poblach Ràdio i Televisió d'Andorra (RTVA)
Ceannard a' bhuidhinn-riochdachaidh Creu Rosell (2005-2009)
Nochdaidhean 6 (gum final sam bith)
A' chiad nochdadh 2005
Rang as àirde 12mh anns an SF: 2007
Rang as ìsle 23mh anns an SF: 2005, 2006
Com-pàirteachadh mu dheireadh

Ghabh Andorra pàirt ann am Farpais Òran Eurovision sia uairean. 'B e Ràdio i Televisió d'Andorra (RTVA) an craoladair poblach a riochdaich i.

'S e Andorra, a thuilleadh air an t-Slòbhaic, aon dhen dà dhùthaich nach eil a-riamh air tighinn tro semi-final. Ach, a chionn 's gum biodh craoladair na Slòbhaice pàirteach airson beagan bhliadhnaichean anns na 90an cuideachd, mus an deach na cuairtean ro-fharpaiseach nuadh an toirt a-steach, 's e Andorra an aon dùthaich nach eil air a bhith ann ann am final sam bith.

Bha i as dlùithe air final ann an 2007, nuair a cho-dhùin Anonymous anns an 12mh àite le "Salvem el món"[1][2], a' faighinn puingean bho corr is dà thrian de na dùthchannan san semi.

Dh'fhàg i an fharpais às dèidh 2009 agus craoladair na dùthcha ag ràdh nach robh airgead gu leòr aige airson leantainn air com-pàirteachadh[3]. Ach tha ùidh aig daoinibh Andorrach fhathast pàirt a ghabhail a-rithist, nam faigheadh RTVA maoineachadh gu leòr.

Foir-shealladh com-pàirteachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
Iuchair a' chlàir
1 A' chiad àite An àite mu dheireadh
2 An dàrna àite X Cha do chom-pàirtich
3 An treasamh àite Tachartas a' tighinn
Bliadhna Neach-taisbeanais Òran Cànan Final Pngn Semi Pngn
2004 Marta Roure "Jugarem a estimar-nos" Catalanais Cha tàinig e troimhe 18 12
2005 Marian van de Wal "La mirada interior" Catalanais 23 27
2006 Jenny "Sense tu" Catalanais 23 ◁ 8
2007 Anonymous "Salvem el món" Catalanais, Beurla 12 80
2008 Gisela "Casanova" Beurla 16 22
2009 Susanne Georgi "La teva decisió (Get a Life)" Catalanais, Beurla 15 8

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Andorra–Eurovision Song Contest (Beurla). Aonadh Craoladh na h-Eòrpa (16mh dhen Mhàrt 2021). Air a thogail 15mh dhen Mhàrt 2026.
  2. A look back at Andorra (Beurla). Eurovision Song Contest (24mh dhen Mhàrt 2019). Air a thogail 15mh dhen Mhàrt 2026.
  3. Hondal, Victor (12mh dhen Dùbhlachd 2009): Definitely, no Andorra in Oslo (Beurla). ESCToday. Air a thogail 15mh dhen Mhàrt 2026.