Jump to content

An Lòchran

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An Lochran)

'S e Ionad Gàidhlig Ghlaschu a th' anns An Lòchran a tha a' frithealadh na coimhearsnachd Ghàidhlig is Ghàidhealach sa bhaile, agus nan daoine aig a bheil ùidh sa chultar Cheilteach.

Chaidh an Lòchran a chur air bhonn ann an 1999, agus fhuair e inbhe carthannais ann an 2001.[1]

Am Bòrd-stiùiridh 2014

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Dòmhnall MacLeòid (Cathraiche) — Prìomh Achdaire aig an Scottish Friendly Assurance Society.
  • Maria NicAonghais (Rùnaire) — Oifigear Reic is Margaideachd do Chomhairle nan Leabhraichean.
  • Eilidh NicNèill — Àrd-oifigear air an Roinn Saor-thoileach aig Comhairle Bhaile Ghlaschu.
  • Fiona Dunn — Oifigear na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu.
  • Kenna NicUalraig — Seinneadair Gàidhlig, tidsear ciùil.


An-diugh, 's ann le Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig pàirt-ùine agus saor-thoilich a thèid An Lòchran a ruith. Tha an carthannas a' cur farsaingeachd de thachartasan air dòigh a tha ag amas air daoine aig diofar ìrean fileantachd. Ghabh a' bhuidheann pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig 2025 agus 2026; gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air seo air làrach-lìn na buidhne.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Làrach-lìn oifigeil leughte 19 Ògmhios 2025

Tuilleadh Fiosrachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]