Iain MacLachlainn (An Lighiche)
| Iain MacLachlainn (An Lighiche) | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Rathuaithe, 1804 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Tobar Mhoire, 1874 |
| Foghlam | |
| Foghlam | Oilthigh Ghlaschu Eòlas-leighis |
| Cànain | Gàidhlig |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Iain MacLachlainn (1804-1874) (‘An Lighiche’ no ‘An Dotair Ruadh’; Beurla: Dr John MacLachlan).
A Bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an 1804 ann an Rathuaithe sa Mhorbhairne. Fhuair e foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu agus dh'ionnsaich e dreuchd na dotaireachd. Bha e ag obair fad greis mar lighiche ann an Glaschu, ach a' mhòr-chuid de bheatha air ais anns a' Mhorbhairne, far an do rugadh agus thogadh e. A rèir choltais, 's e dotair gu math dìcheallach a bh' ann, air an robh spèis mhòr aig muinntir an àite. Cha robh a bheatha pearsanta furasta, ge-tà: fhuair e gealladh pòsaidh dà uair, ach chaochail gach boireannach ro na bainnsean. Bhàsaich Iain fhèin ann an Tobair Mhoire, Muile, ann an 1874.
Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn mu a dheidhinn, "An Dotair MacLachlainn", agus nochd an dàn seo ann an leabhar Caoir Gheal Leumraich. Tha MacGill-Eain a' toirt iomradh air Iain MacLachlainn ann an aiste "The Poetry of the Clearances" (Ris a' Bhruthaich, Steòrnabhagh: Acair, 1985).
A Bhàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Sgrìobh An Lighiche MacLachlainn iomadh òran binn gaoil agus tha feadhainn air an seinn fhathast san latha an-diugh, ach a rèir MacGill-Eain, 's ann mar bhàrd nam Fuadaichean a bha e as cudromaiche.[1]
- 'Don Chuthaig'
- 'Gur Moch Rinn Mi Dùsgadh'
- 'Och Nan Och, 'S Mi So Am Ònar'
- 'Seo Nam Shìneadh air an t-Sliabh'
- 'Tha Mi Tinn 'S Mo Chridhe Fo Leòn'
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Somhairle MacGill-Eain, "The Poetry of the Clearances", Ris a' Bhruthaich (Steòrnabhagh: Acair, 1997) d. 56-59.