Jump to content

An Abaid Ùr

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An Abaid Ur)
An Abaid Ùr
Ainm Beurla: New Abbey

Map
An Abaid Ùr is located in Alba
An Abaid Ùr
An Abaid Ùr (Alba)
54°58′48″N 3°37′10″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NX964662
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Chille Chuithbeirt
Paraiste An Abaid Ùr
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar
Sgìre Phàrlamaid na RA Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Ainm
Roimhearach anns an Abaid Ùir
Ginideach muinntir na h-Abaide Ùire
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 620 (2011)
Àireamh fòn 01387
Còd-puist DG2 8
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (seann Shiorrachd Chille Chùithbeirt)[1] a th' anns An Abaid Ùr (Beurla: New Abbey).[2] Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara san roinn Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh mu 13km an iar-dheas air Dùn Phrìs. Tha a' bheinn Criffel (570 m a dh' àirde) mu 4km air falbh. Ann an 2011 bha 620 duine a' fuireach an seo.[3] 'S ann anns a' bhaile seo 's a chithear tobhtaichean abaid ris an canar Cridhe Mìlis air neo Sweetheart Abbey sa Bheurla.[4]

Tha crannag ann am meadhan Loch Kindar, dìreach ro taobh a' bhaile fhèin,[5] air a thogadh o chionn còrr is mìle bliadhna. Chaidh abaid Cisteirseach a thogail ann an 1273 le Leadaidh Devorgilla nuair a chaochail an duine aice, John Balliol. Chuir na manaich an t-ainm "dulce cor" ris an abaid ach, leis gu robh abaid eile ann mar-thà faisg air làimh ann an Dùn Droighnein, b' e An Abaid Ùr a chuireadh oirre.[6] Chaidh an abaid a dhùnadh ann an 1624.[7] B' àbhaist dhan pheantair Francis Cadell (1883 - 1937) chèilidh air an Taigh Shambellie, a bha leis a chuid chairdean na Stiùbhartaich.[8] An latha an-diugh 's ann fo urras 's a tha Taigh Shambellie, a tha ga leasachadh mar ionad foghlaim airson turasachd a bhrosnachadh san sgìre.[9]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ History Scotland
  2. ↑ “Stòr-dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  3. ↑ “New Abbey”. Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  4. ↑ “New Abbey, Sweetheart Abbey”. Canmore. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  5. ↑ Canmore
  6. ↑ Visit Scotland
  7. ↑ New Advent
  8. ↑ Kirkcudbright Galleries
  9. ↑ Shambellie House Trust