Among Us

'S e Among Us na geama-bhideo air-loidhne air a leasachadh agus air fhoillseachadh le an stiùideo geama Ameireaganach Innersloth ann an 2018. Faodar an geama a' cluich air fònaichean làìmhe, coimpiutairean Windows agus consoilean. Chaidh ath-riochdachadh fìorachd bhiortail, Among Us VR, air fhoillseachadh ann an 2022.
Bidh Among Us a’ gabhail àite air long-fhànais ficsean-saidheans far am bi cluicheadairean nan speuradairean cartùn dathach gun ghàirdean. Bidh gach cluicheadair a’ gabhail aon de dhà dhreuchd: tha a’ mhòr-chuid dhiubh nan Crewmates, ach bidh àireamh bheag a’ cluich Impostors. Bidh na Crewmates ag obair gus gnìomhan a choileanadh fhad ‘s a tha iad a’ faighinn a-mach cò a th' anns an Impostor am measg, is ga tilgeil a-mach an stopadh-adhair, fhad ‘s a tha na Impostors a' feuchainn a h-uile Crewmate a mharbhadh.