Am Monadh Neagrach ann am Farpais Òran Eurovision
| Am Monadh Neagrach ann am Farpais Òran Eurovision | |
| Farpais Òran Eurovision | |
| Craoladair poblach | Radio i Televizija Crne Gore (RTCG) |
| Ceannard a' bhuidhinn-riochdachaidh | Vladana Vučinić (2025-) |
| Nochdaidhean | 13 (2 final) |
| A' chiad nochdadh | 2007 |
| Rang as àirde | 13mh: 2015 |
| Rang as ìsle | 17mh anns an SF: 2022 |
Tha am Monadh Neagrach air pàirt a ghabhail ann am Farpais Òran Eurovision trì uairean deug. 'S e Radio i Televizija Crne Gore (RTCG) an craoladair poblach a bhios ga riochdachadh.
Mus an deach an dùthaich neo-eisimeileach a stèidheachadh, b' ann na pàirt dhen Iùgoslaibh 's a bha Poblachd Shòisealach a' Mhonaidh Neagraich pàirteach san fharpais eadar 1961 agus 1992. Chaidh luchd-taisbeanais Monadh-Neagrach a dh'Eurovision airson na h-Iùgoslaibhe ann an 1983 ("Dz̈uli" le Danijel) agus 1984 ("Ciao amore" le Vlado agus Inolda).
Chaidh am buidheann Monadh-Neagrach No Name a Choighìbh ann an 2005 airson na Sèirbe is a' Mhonaidh Neagraich a riochdachadh.
'S e an 7mh àite an àite as fhèarr a cho-dhùin òran às a' Mhonadh Neagrach innte, ach, mar dùthaich neo-eisimeileach, cha do ràinig am final ach dà uair. Anns an eagran 2015 ann am Vienna, ràinig i an 13mh àite, an rang as àirde aicese gu ruige seo.
Foir-shealladh com-pàirteachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]| 1 | A' chiad àite | ◁ | An àite mu dheireadh |
| 2 | An dàrna àite | X | Cha do chom-pàirtich |
| 3 | An treasamh àite | † | Tachartas a' tighinn |
| Bliadhna | Neach-taisbeanais | Òran | Cànan | Final | Pngn | Semi | Pngn |
|---|---|---|---|---|---|---|---|
| 2007 | Stevan Faddy | "'Ajde, kroči" ('Ајде, крочи) | Monadh-Neagrais | Cha tàinig e troimhe | 22 | 33 | |
| 2008 | Stefan Filipović | "Zauvijek volim te" (Заувијек волим те) | Monadh-Neagrais | 14 | 23 | ||
| 2009 | Andrea Demirović | "Just Get Out of My Life" | Beurla | 11 | 44 | ||
| 2012 | Rambo Amadeus | "Euro Neuro" | Beurla | 15 | 20 | ||
| 2013 | Who See feat. Nina Žižić | "Igranka" (Игранка) | Monadh-Neagrais | 12 | 41 | ||
| 2014 | Sergej Ćetković | "Moj svijet" (Мој свијет) | Monadh-Neagrais | 19 | 37 | 7 | 63 |
| 2015 | Knez | "Adio" (Адио) | Monadh-Neagrais | 13 | 44 | 9 | 57 |
| 2016 | Highway | "The Real Thing" | Beurla | Cha tàinig e troimhe | 13 | 60 | |
| 2017 | Slavko Kalezić | "Space" | Beurla | 16 | 56 | ||
| 2018 | Vanja Radovanović | "Inje" (Иње) | Monadh-Neagrais | 16 | 40 | ||
| 2019 | D mol | "Heaven" | Beurla | 16 | 46 | ||
| 2022 | Vladana | "Breathe" | Beurla, Eadailtis | 17 | 33 | ||
| 2025 | Nina Žižić | "Dobrodošli" (Добродошли) | Monadh-Neagrais | 16 ◁ | 12 | ||
| 2025 | Tamara Živković | "Nova zora" (Нова зора) | Monadh-Neagrais | TBA | |||