Ailig Salmond

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Alex Salmond)
Ailig Salmond
Guth
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


ball 50mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

11 dhen Ògmhios 1987 - 16 dhen Mhàrt 1992
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1987
ball 51mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

9 dhen Ghiblean 1992 - 8 dhen Ghiblean 1997
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1992
ball 52mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

1 dhen Chèitean 1997 - 14 dhen Chèitean 2001
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1997
Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 1999 - 14 dhen Chèitean 2001
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: Taghadh Albannach 1999
Ceannard nan Dùbhlanach (Alba)

12 dhen Chèitean 1999 - 26 dhen t-Sultain 1999 - Iain MacShuibhne
ball 53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Ògmhios 2001 - 11 dhen Ghiblean 2005
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2001
ball 54mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

5 dhen Chèitean 2005 - 12 dhen Ghiblean 2010
Sgìre: Banbh is Buchan
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2005
Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: Gòrdan
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
4. Prìomh-mhinistear na h-Alba

16 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen t-Samhain 2014
Seac MacDhòmhnaill - Nicola Sturgeon
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Siorrachd Obar Dheathain an Ear
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Gòrdan
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
Riochdaire Cruinneachadh Pàrlamaideach Comhairle na Roinne Eòrpa

27 dhen t-Samhain 2015 - 23 dhen t-Samhain 2017
Beatha
Breith Gleann Iucha, 31 dhen Dùbhlachd 1954
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Beurla
Teaghlach
Màthair Mary Stewart Salmond
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chill Rìmhinn Maighstir nan Ealan
Linlithgow Academy (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd eaconamaiche agus neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Ballrachd 79 Group (en) Translate
Creideamh
Creideamh Eaglais na h-Alba
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Pàrtaidh Alba
alexsalmond.scot

'S e neach poileataigs a tha ann an Ailig Salmond (Beurla: Alex Salmond).

Bha e 'na Phrìomh-Mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2007 gu ruige 19 an t-Samhain 2014.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh e ann an Gleann Iucha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn far an do dh'ionnsaich e eaconomachd agus eachdraidh meadhan-aoiseil. An dèidh an oilthigh dh'obair e mar eaconomaiche ann an seirbheis chatharra agus airson Banca Rìoghail na h-Alba. Ghabh e mar bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a bha e na oileanach.

Ann an 1987 chaidh e a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid airson Banbh agus Buchan. Chaidh e na cheannard air an SNP ann an 1990. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999 agus leig e dheth ceannardas an SNP ann an 2000. Thill e air ais gu ceannardas ann an 2004. Ann an 2007 B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dh'ainmicheadh e mar Phrìomh-Mhinistear. An dèidh don SNP an taghadh 2011 a bhuannachadh, dh'eagraich Riaghaltas na h-Alba reifreann air neo-eisimeileachd. Às déidh dhan bhòt san reifreann a dhol ’na aghaidh, thuirt e gum biodh e a' leigeil dheth a dhreuchd mar cheannard a' Phàrtaidh Nàiseanta san t-Samhain, agus às déidh sin a dhreuchd mar Phrìomh-Mhinistear na h-Alba.

Bha e 'na Bhall Pàrlamaid airson Gòrdan eadar 2015 agus 2017.[1] Mar BhPA riochdaich e Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus Gòrdan.

Chaidh Ailig Salmond na cheannard am Pàrtaidh Alba ann an 2021.[2]

Phòs e Moira McGlashan, àrd-sheirbheiseach catharra, ann an 1981.

Connspaid is casaidean[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a shaoradh bho 13 casaidean drabastachd ann an 2020 ach tha eòlaichean air rabhadh gun robh "buaidh fhuarail" air mnathan a dh'fhulaing sàrachadh.[3]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. General election 2017: Former SNP leader Alex Salmond loses seat”, BBC. 9mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2017. 
  2. Wilson, Louise: “Salmond announces plan to stand for Holyrood as he launches Alba Party”, Holyrood Magazine. 26mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021. 
  3. Brooks, Libby: “Salmond inquiry having 'chilling effect' on women, say experts”, The Guardian. 5mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.